Tha an loidhne-tìde seo ag innse eachdraidh an Dàrna
Cogaidh. Tagh bliadhna agus gheibh thu a-mach cuid dhe na bha dol aig
an àm sin.
A' Chiad Chogadh.
Air 28 Ògmhios 1914 chaidh Archduke Franz Ferdinand,
a bha gu bhith os cionn na h-Ìmpireachd "Austro-Hungarian", a mharbhadh ann an
Sarajevo, Bosnia. Mìos as dèidh bàs Franz Ferdinand, thòisich cogadh le An Ostair
agus An Ungar a' sabaid an aghaidh Serbia.
Thàinig a'
Ghearmailt a-steach dhan chath gus taic a thoirt dhan Ostair. Bha iad cuideachd
airson crìochan na dùthcha a leudachadh gu mòr agus smachd
fhaighinn air an Roinn Eòrpa. Chuir seo eagal air dùthchannan eile
na Roinn Eòrpa agus thàinig an Fhraing agus an Ruis còmhla
gus sabaid nan aghaidh. Cha robh Breatainn airson sabaid an toiseach, ach nuair
a dh'fheuch a' Ghearmailt ri ionnsaigh a thoirt air an Fhraing tron Bheilg, dh'atharraich
cùisean.
Cha robh A' Bheilg airson pàirt a ghabhail
sa chòmhstri, ach nuair a thàinig arm na Gearmailt tron dùthaich,
cha robh roghainn aca. Air sgàth 's gu robh còrdadh ann eadar Breatainn
agus A' Bheilg gus càch a-chèile a chuideachadh, air 4 Lùnastal
1914 ghairm Breatainn cogadh an aghaidh na Gearmailt.
Ged a
bha a h-uile duine an dòchas nach maireadh an cogadh fada, agus gum biodh
na saighdearan uile "dhachaigh ron Nollaig", len Chiad Chogadh fad ceithir
bliadhna. Thathar am beachd gun deach 10 millean duine a mharbhadh ann, bha 750,000
dhiubh sin à Breatainn fhèin, agus chaidh a dhà uiread an
àireamh sin a leòn.
Dh'aontaich a' Ghearmailt,
An Ostair agus An Ungar sgur a chogadh air 11 Samhain 1918.