
©IWM:
ref.A1453
Nam biodh na Gearmailtich air smachd fhaighinn air a' Chuan Siar bhiodh cùisean air a bhith buileach doirbh dha Breatainn. Bha soithichean a' tighinn air an t-slighe-mhara seo eadar Ameireaga agus Breatainn le biadh, le uidheam agus le bathar èiseil de gach seòrsa. As t-Earrach, 1940, bha deagh chothrom aig na Gearmailtich soithichean Bhreatainn a sguabadh às a' Chuan Siar seach gu robh iad air Nirribhidh, taobh siar agus ceann a tuath na Frainge a ghleidheadh.
Rinn a' chabhlach Ghearmailteach sgrios gu leòr agus cha robh Breatainn a-riamh cho feumach air a cuid mharaichean. Mar a bhiodh dùil, bha na mìltean de Ghaidheil aig muir - cuid anns a' Chabhlach Rìoghail, agus mòran anns a' Chabhlach Mharsantach, air tancairean, air tugaichean agus air bàtaichean bathair.
A' strì ri cuantan fiadhaich, fosgailte, tric air an lathadh le fuachd agus air an claoidh le sgìths, bha aca rin obair a dhèanamh is fios aca gu faodadh torpedo an nàmhaid an cur gu grunnd na mara aig àm sam bith.
Brùth air cuspair gus èisteachd ri cuimhneachan

