
©The National Archives: ref. INF1/244
Aig toiseach 1941 bha mòr-thìr na Roinn Eòrpa fo smachd nan Nàsach. Thàinig feachdan Gearmailteach air tìr an Afraga a Tuath sa Ghearran agus chaidh na Gearmailtich thairis air crìochan na Grèige is Iugoslàbhia sa Ghiblein. Le Operation Barbarossa thug Hitler ionnsaigh air an Ruis san Ògmhios agus, aig deireadh na bliadhna, air 7 Dùbhlachd 1941, thug Feachd-adhair Iapan ionnsaigh ris nach robh dùil air Pearl Harbour, Hawaii. Thug an ionnsaigh seo Na Stàitean Aonaichte dhan Chogadh. Taobh a-staigh seachdain bha a' Ghearmailt air cogadh a ghairm an aghaidh Ameireagaidh agus bha Iapan air ionnsaighean a thoirt air Na Filipìonan, air Burma agus air Hong Kong. Bha an cogadh sa Chuan Shèimh dha-rìribh air tòiseachadh.
B'ann ann am fàsaichean tioram, teth ceann a tuath Afraga, anns an Èipheit, ann an Libia, Morocco, Algeria agus Tunisia a thug feachdan na Gearmailt agus feachdan a' Chaidreachais trì bliadhna a' sabaid a chèile.
Brùth air cuspair gus èisteachd ri cuimhneachan.

