BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DICIADAIN
29 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Strì gu Sìth : 1939 - 1945

BBC Homepage
Alba

Cuspairean

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 
An darna cogadh
D-Day

'D-Day'
©IWM: ref.A24012

Air 6 Ògmhios 1944, thill feachdan Bhreatainn, Chanada agus Ameireagaidh dhan Fhraing - gu cladaichean Normandy.

B' e seo D-Day - toiseach-tòiseachaidh Operation Overlord aig an robh mar amas Paris a shaoradh, na Gearmailtich a sgiùrsadh às an Fhraing agus an grèim teann a bh'aca air Iar-thuath na Roinn Eòrpa a bhristeadh. B' e iomairt èiginneach, chunnartach a bhiodh ann le feachdan adhair is luing chogaidh. Bhiodh iad an eisimeil gealach làn ag èirigh anmoch, muir a' tràghadh, deagh fhaicsinneachd, glè bheag de sgòthan agus sìde shocair.

Bha na Gearmailtich air na cladaichean a dhìon gu làidir leis an Atlantic Wall - na mìltean de shaighdearan, gunnaichean mòra, mèinnichean agus iomadh cnap-starra eile, suidhichte bhon Òlaind, sìos costa na Frainge cho fada deas ri crìochan na Spàinn.

Bha làn dhùil aig na Gearmailtich ri ionnsaigh air costa na Frainge - ach cha robh fhios aca càite no cuin a thigeadh i.

Brùth air cuspair gus èisteachd ri cuimhneachan.


Cuspairean
Trèanadh
Bha feachdan a' Chaidreachais air a bhith deasachadh fad còrr 's bliadhna airson a dhol air tìr anns an Fhraing.
Tighinn às an Adhar
Thàinig paratroopers a' Chaidreachais gu talamh air feadh taobh tuath na Frainge.
Tighinn air a' Mhuir
Aig an aon àm 's a bha bomaichean a' tuiteam agus paratroopers a' tighinn gu talamh, bha faisg air 5000 bàta air cruinneachadh
Air na Tràighean
Ann an còig àitichean eadar-dhealaichte bhathar a' dèanamh air tìr fad an latha - còrr is 75,000 saighdear Breatannach agus Canàidianach agus 57,000 Ameireaganach.


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy