BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DICIADAIN
29 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Strì gu Sìth : 1939 - 1945

BBC Homepage
Alba

Cuspairean

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 
An darna cogadh
An Nàmhaid

Postair "Don't do it Mother"As t-earrach 1945 anns a' Ghearmailt, bha Adolf Hitler a-nis a' gabhail ris nach robh a' bhuaidh gu bhith aige. Ann am meadhan a' Ghiblein nochd e mu choinneimh a shluaigh fhèin airson an turas mu dheireadh.

Bha bomaichean a' Chaidreachais air iomadh baile a sgrios agus bha na Ruiseanaich air Berlin a ruighinn air 21 Giblean agus air am baile a chuairteachadh. Mu leth-uair as dèidh trì feasgar, anns am Fuhrerbunker, air an latha mu dheireadh den mhìos, chuir Hitler làmh na bheatha fhèin. Mus do rinn e sin, mharbh e le puinnsean a leannan, Eva Braun, a bha e air pòsadh dà latha ron sin, air an latha a chaidh Mussolini a chrochadh anns an Eadailt.

Dh'fhag Adolf Hitler a dhùthaich briste agus bochd. Bha e air bàs 30 millean neach adhbhrachadh, a' feuchainn ri a shealladh fhèin a sparradh air an t-saoghal.

Bha iomadh beachd aig daoine air "An Nàmhaid", air Hitler agus a luchd-leantainn, air feachdan Iapain, agus air an iomadh gnìomh brùideil a rinneadh tron Chogadh.

Brùth air cuspair gus èisteachd ri cuimhneachan.

Dealbh ©The National Archives: ref.13/171(33)


Cuspairean
Daoine Gasta 's Daoine Dona
Bha iomadh seòrsa faireachdainn a' buaireadh an fheadhainn a chunnaic an sgrios a nì cogadh air daoine.
Truas
Bha gràin eagalach aig daoine air na Nàsaich agus air sluagh Gearmailteach anns an fharsaingeachd. Ach bha cuid mothachail gu robh Hitler agus na Nàsaich tric trom air an daoine fhèin.
Bàs agus Brùidealachd
Nuair a ràinig feachdan a' Chaidreachais campaichean an Àird an Ear, thuig iad le cinnt gnè na nàmhaid.
Na h-Iùdhaich
B' e an sgrios a rinneadh air na h-Iùdhaich fear de na rudan bu mhotha a th'aig daoine an aghaidh nan Nàsach.


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy