BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DICIADAIN
29 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Strì gu Sìth : 1939 - 1945

BBC Homepage
Alba

Cuspairean

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 
An darna cogadh
Prìosanaich

Campa
©IWM: ref.B11677

Leis mar a ghèill feachdan na Pòlainn agus na Fraing ann an 1939 agus 1940 cha b’fhada gus an robh còrr air dà mhillean prìosanach-cogaidh ann an làmhan nan Gearmailteach. Nam measg bha còrr air 50,000 duine a chaidh fhàgail anns an Fhraing an dèidh Dunkirk. Bha cuid eile a chaidh a ghlacadh bho shoithichean.

Fo Chòrdadh Geneva, dh’fheumadh prìosanaich a bhith air an gluasad bho raointean a’ bhlàir anns a’ bhad. Nam biodh iad leòinte dh’fheumte sealltainn riutha agus bha am biadh agus an àite-fuirich ri bhith aig an aon ìre ri feachdan na nàmhaid.

Brùth air cuspair gus èisteachd ri cuimhneachan


Cuspairean
A' Coiseachd Chun Nan Campaichean
B' fheudar do iomadh prìosanach astar fhada a choiseachd tarsainn na Roinn Eòrpa mus ruigeadh e a' champa a bha gu bhith na dachaigh dha fad bhliadhnaichean a' chogaidh.
Seòladairean
Dhaibhsan a thàinig beò às na soithichean a chaidh fodha, cha robh an cunnart seachad idir.
Mar a Thachair
Anns na campaichean, b' e biadh an rud bu chudthromach, agus b' e dìth bidh an t-àmhghar bu mhotha dhan mhòr-chuid anns na campaichean.


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy