BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DILUAIN
19 Faoilteach 2015
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Strì gu Sìth : 1939 - 1945

BBC Homepage
Alba

Cuspairean

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 
An darna cogadh


©IWM: ref.C381

Cha robh riamh uallach cho mòr air a bhith air boireannaich Bhreatainn ri àm cogaidh 's a bh'orra anns an Dàrna Cogadh.

Anns a' Chiad Chogadh Mhòr, bha boireannaich, gun teagamh, air a bhith air leth cudthromach. Bha grunn an sàs ann, nam banaltraman no ag obair gu saor-thoileach, gun ghuth a thoirt air na mìltean a chùm cùisean a' dol aig an taigh, a' togail theaghlaichean gun mòran airgid no chofhurtachd.

Ach anns an Dàrna Cogadh, bha cuideachadh nam ban buileach deatamach. As dèidh mu dhà bhliadhna de shabaid bha e soilleir nach robh fuasgladh aithghearr ri tighinn. Chuir Churchill achd tron Phàrlamaid a' cur an cèill gu faodar boireannaich a ghairm airson obair cogaidh airson a' chiad turas riamh.

Nuair a chaidh an National Service Act (No 2) tron Phàrlamaid an toiseach cha robhas a' gairm ach a-mhàin boireannaich nach robh pòsta agus a bha eadar fichead agus deich bliadhna fichead a dh'aois. Ach as dèidh bliadhna gu leth, bha mu ochdnar às gach deichnear ann an obair co-cheangailte ris a' chogadh.


Cuspairean
Wrens
Bha iomadach seòrsa dreuchd aig boireannaich, an dà chuid aig an taigh agus nas fhaisg air a' chath.
Boireannaich ag Obair
A bharrachd air a bhith a' toirt taic do na fireannaich anns na feachdan, bha gu leòr ri dhèanamh aig an taigh, 's na fir air falbh anns a' chogadh.
Boireannaich nam Prìosanaich
An cois an t-seasaimh agus an t-saorsa ùir, thàinig iomadach cunnart.
Banaltramachd
B' e obair chudromach dha-rìribh a bh' aig banaltraman tron chogadh.


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy