BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DICIADAIN
29 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Strì gu Sìth : 1939 - 1945

BBC Homepage
Alba

Cuspairean

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 
An darna cogadh
An darna cogadh

Tha an loidhne-tìde seo ag innse eachdraidh an Dàrna Cogaidh. Tagh bliadhna agus gheibh thu a-mach cuid dhe na bha dol aig an àm sin.


1914-18 1938 1939 1940 1941 1942 1943 1944 1945

1940
8 Faoilleach
Thòisich cuibhreannachadh a thaobh ime, siùcair is hama ann am Breatainn.
17 Gearran
Rinn Breatainn planaichean gus 400,000 leanabh a ghluasad a-mach à bailtean.
9 Giblean
Bhris na Gearmailtich a-steach air an Danmhairg agus Nirribhidh.
10 Cèitean
Bhris na Gearmailtich a-steach dhan Fhraing, dhan Bheilg, a Lucsamburg, agus dhan Tìr Ìosal. Chaidh Winston Churchill a thaghadh mar phrìomhaire Bhreatainn.
14 Cèitean
Ann am Breatainn, chaidh a' chiad gairm a dhèanamh airson Local Defence Volunteers, a' Home Guard mar a chante riutha.
15 Cèitean
Ghèill An Tìr Ìosal do na Nàsaich.
26 Cèitean
Leis a h-uile seòrsa bàta, thòisichear air saighdearan am BEF ( British Expeditionary Force ) a bha glaiste aig Dunkirk san Fhraing a shàbhaladh. Lean an obair seo gu 3 Ògmhios.
28 Cèitean
Ghèill A' Bheilg do na Nàsaich.
3 Ògmhios
Leag na Gearmailtich bomaichean air Paris.
4 - 10 Ògmhios
B' ann as dèidh Dunkirk a chaidh mòran shaighdearan a bha air am fàgail san Fhraing a ghlacadh aig St Valery-en-Caux.
10 Ògmhios
Ghèill Nirribhidh do na Nàsaich agus ghairm Mussolini às an Eadailt cogadh an aghaidh Bhreatainn agus na Frainge.
13 Ògmhios
Chaidh an Scotstoun a chur fodha le torpedo.
14 Ògmhios
Ràinig na Gearmailtich Paris, agus fhuair iad smachd air a' bhaile.
17 Ògmhios
Dh'iarr Pétain air na Frangaich sgur a shabaid an aghaidh nan Gearmailteach.
22 Ògmhios.
Ghèill an Fhraing is chaidh an dùthaich a sgaradh. Bha an ceann a tuath fo smachd nan Gearmailteach agus bha an ceann a deas (ris an cante Vichy France ) fo smachd Pétain.


1 Iuchar
Thug U-boats Gearmailteach ionnsaighean air bàtaichean a' Chabhlaich Mharsantaich anns a' Chuan Siar.
10 Iuchar
Thòisich ‘Blàr Bhreatainn' leis an RAF a' sabaid an aghaidh an Luftwaffe. Mhair e gu 31 Dàmhair.
13 Lùnastal
Eagle Day”. Bomaichean ga leagail air puirt-adhair agus factaraidhean ann an Sasainn.
23/24 Lùnastal
A' chiad bhomaichean ga leagail air Lunnainn.
25/26 Lùnastal
An RAF a' leagail bhomaichean air Berlin airson a' chiad uair.
7 Sultain
Thòisich am Blitz ann an Lunnainn le 300 bomair Gearmailteach a' tighinn tarsainn le 600 plèan eile a' toirt taic dhaibh.
13 Sultain
Bhris na h-Eadailtich a-steach dhan Èiphit.
15 Sultain
Ionnsaighean uabhasach le plèanaichean Gearmailteach air Lunnainn, Southampton, Bristol, Cardiff, Liverpool agus Manchester ged a choisinn an RAF ‘Blàr Bhreatainn'.
27 Sultain
Dh'aontaich a' Ghearmailt, an Eadailt agus Iapan Tripartite(Axis) Pact.
28 Dàmhair
Thug An Eadailt ionnsaigh air a' Ghrèig.
5 Samhain
Chaidh Franklin D Roosevelt a thaghadh a-rithist mar Cheann-suidhe nan Stàitean Aonaichte. Chaidh an Jervis Bay a chur fodha anns a' Chuan Siar.
10/11 Samhain
Chaidh Cabhlach nan Eadailteach a dhroch mhilleadh leis an RAF ann an Taranto.
14/15 Samhain
Ionnsaigh le bomaichean air Coventry.
19 Samhain
Chaidh am Maimoa a chur fodha anns a' Chuan Innseanach.
22 Samhain
Rinn na Greugaich a' chùis air 9th Army nan Eadailteach.
9/10 Dùbhlachd
Operation Compass.Thòisich Breatainn a' chiad ionnsaigh an aghaidh nan Eadailteach anns an fhàsach an ceann a tuath Afraga.
11 Dùbhlachd
Ghlac Breatainn Sidi Barrani.
29/30 Dùbhlachd
Ionnsaigh-adhair mhòr eile air Lunnainn.

1914-18 1938 1939 1940 1941 1942 1943 1944 1945


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy