Tha an loidhne-tìde seo ag innse eachdraidh an Dàrna
Cogaidh. Tagh bliadhna agus gheibh thu a-mach cuid dhe na bha dol aig
an àm sin.
1-7 Faoilleach
Tharraing na Gearmailtich air ais às na h-Ardennes.
16 Faoilleach
Thachair 1st Army agus 3rd Army nan Ameireaganach ri chèile an dèidh
a bhith dealaichte fad mìos fhad's a bha Battle of the Bulge a' dol.
Thòisich Blàr Iwo Jima.
17 Faoilleach
Ghlac na Sobhietich Warsaw.
26 Faoilleach
Chaidh Campa-bàis Auschwitz a shaoradh le na Sobhietich.
4-11 Gearran
Thachair Roosevelt, Churchill agus Stalin aig Yalta.
13/14Gearran
Chaidh Dresden a sgrios le bomaichean-teine feachdan a' Chaidreachais.
7 Màrt
Ghlac feachdan a' Chaidreachais Cologne agus chuir iad drochaid tarsainn
abhainn Rhine aig Remagen.
30 Màrt
Ghlac feachdan Sobhieteach Danzig.
1 Giblean
Chuir na h-Ameireaganaich cearcall mu na Gearmailtich anns an Ruhr. Ghlac
na h-Ameireaganaich Okinawa, an t-eilean mu dheireadh a bha an làmhan
Iapan.
12 Giblean
Shaor feachdan a' Chaidreachais campaichean Buchenwald agus Belsen. Chaochail
Roosevelt agus chaidh àite a ghabhail le Harry S. Truman.
16 Giblean
Thòisich na Sobhietich an ionnsaigh dheireannach air Berlin. Chaidh
na h-Ameireaganaich a-steach do Nuremberg.
18 Giblean
Ghèill feachdan nan Gearmailteach anns an Ruhr.
21 Giblean
Ràinig na Sobhietich Berlin.
28 Giblean
Chaidh Mussolini a ghlacadh agus a chrochadh. Ghlac feachdan a' Chaidreachais
Venice.
29 Giblean
Chaidh campa Dachau a shaoradh le 7th Army nan Ameireaganach.
30 Giblean
Chuir Hitler làmh na bheatha fhèin.
7 Cèitean
Ghèill feachdan na Gearmailt air fad.
8 Cèitean
Latha V E (Victory in Europe).
9 Cèitean
Chaidh Hermann Goering a ghlacadh le saighdearan Ameireaganach.
23 Cèitean
Chuir Heinrich Himmler làmh na bheatha fhèin. Chaidh Àrd
Cheannardan na Gearmailt a chur dhan phrìosan.
5 Ògmhios
Roinn dùthchannan a' Chaidreachais a' Ghearmailt agus Berlin agus
ghabh iad thairis Riaghaltas na dùthcha.
22 Ògmhios
Leig feachdan Iapan às Okinawa.
26 Ògmhios
Chaidh ainmean a chur ri Còir-sgrìobhte nan Dùthchannan
Aonaichte ann an San Francisco.
16 Iuchar
Rinneadh a' chiad dhearbhadh air bom atamach le na h-Ameireaganaich. Thòisich
Co-labhairt Potsdam.
26 Iuchar
Chaill Churchill an taghadh ann am Breatainn. B'e Clement Atlee am prìomhaire
ùr.
6 Lùnastal
Leag na h-Ameireaganaich boma atamach air Hiroshima. Chaill 100,000 duine
am beatha.
8 Lùnastal
Ghairm na Sobhietich cogadh an aghaidh Iapan agus ghabh iad a-steach do
Mhanchuria.
9 Lùnastal
Leag na h-Ameireaganaich boma atamach air Nagasaki.
Chaill 40,000 duine am beatha.
14 Lùnastal
Dh'aontaich Iapan gun gèilleadh iad gun chùmhnant.
2 Sultain
Chuir na Iapanaich ainm ri pàipearan a' ghèillidh. Seo VJ
Day a' comharrachadh buaidh thairis air Iapan.