BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DICIADAIN
29 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Strì gu Sìth : 1939 - 1945

BBC Homepage
Alba

Cuspairean

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 
An darna cogadh
Deireadh a' Chogaidh

A' comharrachadh deireadh a' chogaidh
© Science & Society Picture Library

An dèidh do bhailtean na Gearmailt a bhith air an sgrios le bomaichean a' Chaidreachais bha rèis eadar na Ruiseanaich agus feachdan eile a' Chaidreachais feuch cò ruigeadh Berlin an toiseach. B' e na Ruiseanaich a ràinig an toiseach air 21 Giblean 1945 agus chuairtich iad am baile. Chaidh Mussolini a chrochadh anns an Eadailt air 28 Giblean agus dà latha an dèidh sin chuir Hitler làmh na bheatha fhèin. B' e Grand Admiral Donitz, a bha na cheann-suidhe air an Third Reich dìreach airson seachdain, a shiubhail gu prìomh-oifis Eisenhower ann an Reims. Air 7 Cèitean am fianais àrd-oifigearan à Breatainn, Ameireaga, an Fhraing agus Ruisia ghèill e às leth na Gearmailt. Air an ath latha rinneadh subhachas, agus canar Latha Buaidh san Roinn Eòrpa - VE Day ri 8 Cèitean on uairsin.

Brùth air cuspair gus èisteachd ri cuimhneachan.


Cuspairean
Latha VE
B' ann air an 7 Cèitean 1945, a ghèill a' Ghearmailt gu h-oifigeil ach b' e 8 Cèitean 1945 a dh' ainmich Churchill mar latha buaidh san Roinn Eòrpa - VE Day.
Bomaichean Nuiclasach
Ged a bha an cogadh seachad anns an Roinn Eòrpa, bha an t-strì an aghaidh Iapan fhathast a' dol.
Anns an Dealachadh
Maille ris an toileachas gu robh cogadh fada seachad, bha caoidh is bròn. Bha na feachdan a' tighinn dhachaigh, ach bha na mìltean de dhaoine òga nach tilleadh gu bràth.


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy