Tha an loidhne-tìde seo ag innse eachdraidh an Dàrna
Cogaidh. Tagh bliadhna agus gheibh thu a-mach cuid dhe na bha dol aig
an àm sin.
30 Sultain
Ged a fhuair Hitler an earrann a bha dhìth air de Czechoslovakia, gheall e do Neville Chamberlain, prìomhaire Bhreatainn, aig coinneamh ann am Munich, nach biodh cogadh eadar an dà dhùthaich tuilleadh. Bhathas an dòchas gu robh seo a' ciallachadh, mar a thuirt Chamberlain, "Peace in our time".