BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DICIADAIN
29 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Strì gu Sìth : 1939 - 1945

BBC Homepage
Alba

Cuspairean

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 
An darna cogadh
Anns An Roinn Eòrpa

Postair "Britain Strikes!"B’ ann an-fhoiseil a bha saighdearan Bhreatainn agus an Fhraing fad mìosan a’ gheamhraidh 1939/40. Anns an aon ghluasad cinnteach a rinneadh, ghabh na Fraingich a-steach dhan Saarland, an ceann an iar-dheas na Gearmailt, ach tharraing iad air ais cha mhòr as a’ bhad.

Le neart agus cumhachd thancaichean agus phlèanaichean, bha na Gearmailtich a’ gabhail romhpa tro thaobh siar na Roinn Eòrpa. B’ e seo Blitzkreig, agus b’ ann san ainm a bha an aithris: tha Blitzkreig a’ ciallachadh ‘tein-adhair’ agus ro dheireadh 1940 bha A’ Bheilg, An Òlaind agus an Fhraing aca fon casan.

Bha e follaiseachach do mhòran nach robh an aon seòrsa neart aig saighdearan Bhreatainn agus na Frainge idir. Ged a bha 'd lìonmhor ann an àireimh, bha mòran dhiubh nach robh air trèanadh dòigheil fhaighinn agus bha uidheam agus armachd a dhìth orra.

Brùth air cuspair gus èisteachd ri cuimhneachan

Dealbh ©The National Archives: ref. INF3/133


Cuspairean
'Phoney War'
Bha Hitler airson dèanamh air an taobh siar ach chuir geamhradh cruaidh, cràiteach bacadh air.
Ionnsaidhean Adhair
'S e obair fior chunnartach a bha aig sgiobaidhean nan itealan-cogaidh.
Dunkirk
'S e cùis-uabhais a bh’ann cho luath 's a fhuair feachdan na Gearmailt làmh-an-uachdair sa chogadh.
St Valery
Cha d’fhuair a h-uile saighdear air ais a Bhreatainn à Dunkirk. Chaidh rèiseamaidean fhàgail anns an Fhraing an dèidh dhaibh a dhol gus dìon a thoirt dhan fheadhainn a bha a’ teiche tarsainn Caolas Shasainn.


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy