Tha an loidhne-tìde seo ag innse eachdraidh an Dàrna
Cogaidh. Tagh bliadhna agus gheibh thu a-mach cuid dhe na bha dol aig
an àm sin.
1 Faoilleach
Chuir 26 dùthchannan a bha sa Chaidreachas an ainm ri Foillseachadh nan
Dùthchannan Aonaichte.
9 Faoilleach
Thòisich Iapan ionnsaigh air Na Filipìonan.
13 Faoilleach
Thòisich na Gearmailtich ionnsaigh le U-boats air costa an ear Ameireagaidh.
14 Faoilleach
Ghluais an Tirpitz gu ruige Trondheim agus sùil aig na Gearmailtich
casg a chur air na bàtaichean a bha toirt bathar dhan Ruis.
20 Faoilleach
Bha Reinhard Heydrich os cionn co-labhairt Wansee mun "fhuasgladh dheireannach"
a bha am beachd Hitler.
21 Faoilleach
Stèidhichte a-nis ann an El Agheila, thòisich Rommel air ionnsaighean
ùra.
26 Faoilleach
Ràinig a' chiad shaighdearan Ameireaganach Breatainn.
2 Gearran
Thòisich Iapan ionnsaigh air Singapore.
15 Gearran
Ghèill Singapore air "Black Sunday".
19 Gearran
Thug plèanaichean à Iapan ionnsaigh air Darwin an Astràilia
is chaidh 240 duine a mharbhadh.
6 Màrt
Thug an Tirpitz ionnsaigh air Convoy PQ-12 ach chaidh a ruagadh le bomairean
bho HMS Victorious.
20 Màrt
Thòisich ionnsaigh-adhair air Malta.
9 Giblean
Ghèill na Filipìonan agus b' fheudar do 78,000 prìosanach
coiseachd 65 mìle marbhtach.
23 Giblean
Ionnsaighean-adhair air bailtean ann am Breatainn.
26 Giblean
Thòisich Rommel ionnsaigh an aghaidh Loidhne Gazala.
27 Cèitean
Ann am Prague chaidh ceannard an SS, Heinrich Heydrich a mhurt.
30 Cèitean
Thug an RAF a' chiad ionnsaigh le 1000 bomair air Cologne.
Anns an Ògmhios
Ann an Auschwitz, thòisich murt nan Iùdhach le gas.
21 Ògmhios
Ghlac Rommel Tobruk.
27 Ògmhios
Le 33 soitheach anns a' Chabhlach Mharsantach sheòl Convoy PQ-17
à Innis Tìle a' dèanamh air Archangel.
30 Ògmhios
Ràinig Rommel El Alamein, faisg air Cairo.
1-30 Iuchar
A' chiad bhlàr aig El Alamein.
2 Iuchar
Fhuair na Gearmailtich smachd air Sebastopol.
5 Iuchar
Thug na Gearmailtich fìor ionnsaigh air PQ-17.
9 Iuchar
Thòisich na Gearmailtich a' gluasad a dh'ionnsaigh Stalingrad.
10 Iuchar
Rainig a' chiad dà bhàta bho PQ-17 Archangel. Chailleadh 23
soitheach air fad 's iad a' giùlain 430 tanca, 210 plèanaichean,
3,350 carbad agus faisg air 100,000 tunna bathair.
22 Iuchar
Chaidh a' chiad bhuidhnean dhaoine a chur a-mach à ghetto Warsaw
gu ruige nan campaichean-bàis. Chaidh campa Treblinka fhosgladh.
4 Lùnastal
Chaidh an Richmond Castle a chur fodha.
7 Lùnastal
Chaidh an Seanailear Bernard Montgomery, "Monty", os cionn an
8th Army ann an Afraga a Tuath. Chaidh na h-Ameireaganaich air tìr
an Guadalcanal.
12 Lùnastal
Choinnich Stalin agus Churchill ann am Moscow
.
17 Lùnastal
Thug na h-Ameireaganaich an ciad ionnsaigh-adhair leotha fhèin anns
an Roinn Eòrpa.
23 Lùnastal
Thug na Gearmailtich ionnsaigh-adhair mhòr air Stalingrad.
2 Sultain
Chuir "Monty" an ruaig air Rommel aig blàr Alam Halfa.
13 Sultain
Thòisich Blàr Stalingrad.
23 Dàmhair
Thòisich Blàr El Alamein an aghaidh feachdan Rommel an ceann
a tuath Afraga.
1 Samhain
Le Operation Supercharge bhris feachdan a' Chaidreachais tro loidhnichean
na nàmhaid aig El Alamein.
4 Samhain
Bha a' bhuaidh aig "Monty" aig El Alamein.
8 Samhain
Thòisich Operation Torch - le Ameireaganaich a' dol a-steach a dh'Afraga
a Tuath.
11 Samhain
Ghabh na Gearmailtich agus na h-Eadailtich a-steach do Vichy France.
19 Samhain
Thòisich na Sobhietich a' sabaid as ùr gus Stalingrad a ghabhail.
2 Dùbhlachd
Chuir an t-Ollamh Enrico Fermi reactar niùclasach air dòigh
ann an Chicago.
13 Dùbhlachd
Tharraing Rommel air ais à El Agheila.
16 Dùbhlachd
Chaill feachdan Eadailteach an aghaidh nan Sobhieteach air Abhainn Don.
17 Dùbhlachd
Dh'innis Antony Eden, Rùnaire nan Dùthchannan Cèin,
do Thaigh nan Cumantan mar a bha na Nàsaich a' murt nam mìltean
de dh'Iùdhaich. Thuirt na h-Ameireaganaich gu sireadh iad dìoghaltas
airson nan eucoirean sin.
31 Dùbhlachd
Blàr Muir Bharents eadar soithichean Gearmailteach agus soithichean
Breatannach.