Tha an loidhne-tìde seo ag innse eachdraidh an Dàrna
Cogaidh. Tagh bliadhna agus gheibh thu a-mach cuid dhe na bha dol aig
an àm sin.
30 Faoilleach
Mhaoidh Hitler air na h-Iùdhaich ann an òraid anns an Reichstag.
15/16 Màrt
Fhuair na Gearmailtich smachd air Czechoslovakia.
1 Sultain
Thuirt Hitler nach robh ann an gealladh Munich, ach "a scrap of paper". Chaidh arm na Gearmailt a-steach dhan Phòlainn.
3 Sultain
Bha Breatainn agus an Fhraing air a ràdh gum biodh iad deònach
sabaid an aghaidh na Gearmailt nan toireadh iad ionnsaigh air a' Phòlainn.
Air an treas latha den t-Sultain, sin a thachair - thòisich an Dàrna
Cogadh le Astràilia agus New Zealand cuideachd air taobh Bhreatainn.
Chaidh feachd à Breatainn ( British Expeditionary Force ) a chur dhan Fhraing.
Chaidh an Athenia a chur fodha le U-30 is chaill còrr air ceud duine am beatha.
4 Sultain
Thug an RAF ionnsaigh air Nèibhidh na Gearmailt.
5 Sultain
Thuirt Ameireaga nach gabhadh iad taobh seach taobh anns a' chogadh.
6 Sultain
Thàinig Afraga a Deas dhan chogadh air taobh Bhreatainn.
10 Sultain
Thuirt Canada gu robh iad a' dol a shabaid.
17 Sultain
Thàinig an Ruis dhan chogadh, a' toirt ionnsaigh bhon ear air a' Phòlainn.
27 Sultain
Dh'aidich A' Phòlainn gu robh an dùthaich fo smachd nan Gearmailteach.
14 Dàmhair
Chuir na Gearmailtich HMS Royal Oak fodha ann an Scapa Flow ann an Arcaibh. Chailleadh 833 duine.
8 Samhain
Thugadh ionnsaigh nach do shoirbhich air beatha Hitler.
13 Samhain
Blàr Abhainn Plate ann an Argentina. Mu dheireadh chuir an sgiobair
aice Hans Langsdorf an Admiral Graf Spee fodha seach cumail a' sabaid an aghaidh
HMS Ajax agus HMS Achilles.
30 Samhain
Chaidh Arm Dearg nan Ruiseanach a-steach a Fhionnlainn is thòisich "Cogadh a' Gheamhraidh".
Sultain 1939 - Cèitean 1940
Seo an t-àm ris an cante a' Phoney War anns an Fhraing.