Leis cho soirbheachail 's a bha an cogadh ann an ceann a tuath Afraga do dhùthchannan a' Chaidreachais, cho-dhùin iad gu feumadh iad leudachadh air an seo le ionnsaigh a thoirt air an Eadailt. Ged a bha Mussolini ann an co-bhoinn ri Hitler bha an Eadailt gu mòr an eisimeil na Gearmailt airson taic - bha na thachair an ceann a tuath Afraga na dhearbhadh air an sin, is a' Ghearmailt air an Eadailt a shàbhaladh bho bhith air a sgrios gu tur.

Aig an toiseach, agus mus do chuir saighdear cas air tìr ann an Sicily, shamhlaich Churchill an Eadailt ri "brù bog na Roinn Eòrpa". Ach dhearbh ùine agus na ceudan mìltean a chaidh a mharbhadh is a leòn anns an Eadailt gu robh e fada ceàrr.
Leugh
an tuilleadh mun chogadh anns an Eadailt.
Dealbh ©IWM: ref.NA4105

