BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DICIADAIN
29 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Strì gu Sìth : 1939 - 1945

BBC Homepage
Alba

Cuspairean

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 
An darna cogadh
Saoghal ri StrìThall San Àird an Ear

Pearl Harbour
©Franklin D. Roosevelt Presidential Library

An dèidh na h-ionnsaigh air Pearl Harbour air 7 Dùbhlachd 1941 bha Iapan a-nis a' seasamh gualainn ri gualainn leis a' Ghearmailt agus an Eadailt. Bha a saighdearan eòlach air cogadh. Deich bliadhna ro Phearl Harbour, bha 'd air na Sìonaich a chairteadh a-mach à Manchuria agus ceithir bliadhna ron sin bha iad air ionnsaigh bhrùideil a thoirt air Sìona.

Bha an t-arm cumhachdadh ann an Iapan - nas cumhachdaiche fiù na an Riaghaltas. Fo ùghdarras Seanalair Tojo, taobh a-staigh seachdain bha iad air briseadh a-steach do na Filipìonan agus Hong Kong agus bha an t-slighe romhpa a-steach gu Thailand agus Burma. Sin far na chruinnich feachdan Bhreatainn.

Leugh tuilleadh mun cogadh an aghaidh Iapain.

Èist ri na h-Eòlaichean
"Chuala mi machine gun…"

Bha Calum MacLeòid a' feuchainn ri cadal ann am bothag ann am Burma nuair a chaidh am mullach a thoirt dhith le machine gun.
"Tha mi cinnteach gu bheil na initials agam shuas fhathast…"
Bha Uilleam Mac a' Ghobhainn a' dèanamh deiseil airson a dhol air tìr ann an Iapan nuair a thàinig deireadh a' chogaidh. Roimhe sin bha e ann am Burma.
"Dh'òl i an t-uisge, agus bhàsaich i…"
Anns a' champa anns an robh Anna Mhoireasdan, air taobh a-muigh Bangalore, bha fiù 's an t-uisge cunnartach.
"Bha na Japs air gach cliathaich, romhainn fad an t-siubhail…"
Dh'fhoghlam Calum MacLeòid dha fhèin dìreach cho innleachdach 's a bha feachdan Iapain.


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy