Bho Fhoghar 1940, nuair a bhrist na h-Eadailtich a-steach dhan Èipheit, bha iomadh batal air ais agus air adhart an ceann a tuath Afraga eadar feachdan a' Chaidreachais agus an nàmhaid.
'S a' Mhàrt 1941, chuir Hitler an Seanalair ainmeil Erwin Rommel a cheann a tuath Afraga a thoirt taic do fheachdan Mhussolini. Ghluais e gu luath is thug e ionnsaigh air feachdan Bhreatainn mus robh dùil. Ach cha deach aige air gearastan Tobruk a ghabhail agus san t-Samhain 1941, mar thoradh air blàr fuilteach Operation Crusader, chaidh a bhruthadh air ais cha mhòr gu far na thòisich e aig El Agheila. Sheall e cho comasach 's a bha e aig Blàr Gazala ann an 1942 nuair a chaidh e gu cùl feachd Bhreatainn is thug e buaidh orra sa bhlàr timcheall "Knightsbridge," faisg air Bir Hacheim. Rinn e airson bailtean Alexandria agus Cairo a ghabhail ach chaidh stad a chur air le Eighth Army Bhreatainn fo ùghdarras Seanalair Claude Auchinleck aig El Alamein.

©William Chalmers
Dh'fhàs Rommel bochd an dèidh dà bhliadhna fhada de shabaid is bha an Desert Fox, mar a chante ris, air ais anns a' Ghearmailt nuair a thòisich dàrna blàr El Alamein air oidhche 23 Dàmhair 1942 is feachdan Bhreatainn a-nis fo smachd Seanalair Bernard Montgomery - Monty.

