Cliù Hitler - Murchadh D. MacDhòmhnaill, air aithris le Calum Ros
'S tu breun de gach creutair
air thalamh:
Ceann duin' ort 's e falamh de chiall;
Bidh tu bùirich
mar tharbh na chorraich,
Le briathran làn toibheim nad bheul.
Chuir
Dia ort ìomhaigh an duine,
Ach mhill thu e tuilleadh is tràth,
Is roghnaich thu aogas an donais
Is thug thu do thoinisg tur dha.
Reic
thu do chridhe ri Sàtan;
Ghràdhaich thu mort agus leòn;
Mharbh thu an naoidhean 's a mhàthair,
Is dh'fhàg thu na mìltean
fo bhròn.
Tha mallachd nam mìltean mud amhaich
-
Is cianail an t-eallach dhut e.
Cha dèan sgorran nan creagan
dhut falach
On t-sùil tha gad amharc o Nèamh.
Nan
robh thu falbh air cheithir chasan,
Cha shaoilinn dad den a' chùis,
Ach 's bochd thu bhith coiseachd mar dhuine,
Le nàdar is cridhe na
brùid.
Mharbh thu an t-athair 's a' mhàthair
'S an dìlleachdan dh'fhàg thu gun diù;
le sin tha thu
grod na do nàdar-
'S ann chuireadh tu nàir' air a' chù.
Chan
eil olc a rinn Sàtan air thalamh
Nach fhaicear ann an sealladh do
ghnùis;
Tha sibh co-fhreagart sa charaid
'S bhur nàdar co-ionnan
's gach cùis.
Measg chreutairean sgreataidh na talmhainn
A dh'itheas 's a mharbhas a' chèil',
Tha toiseach aig nàdar
na muic ort,
Ged dh'itheas i a h-uirceanan fhèin.
Ach
stad ort. Tha do là ri tighinn
'S tha i tighinn le cabhaig gu crìch
Anns am b' fheàrr dhut a bhith air do thachdadh
Leis a' chiad bhlas
don a' chìch.
(Seo agaibh a' chuid as gile de chliù
Hitler. Tha 'n còrr den chliù aige cho dubh 's gun dèanadh
e sgrìobhadh dubh air pàipear teàrr)

