BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DICIADAIN
29 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Strì gu Sìth : 1939 - 1945

BBC Homepage
Alba

Cuspairean

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 
An darna cogadh
Prìosanaich

Deargadan Phòland - Aonghas Caimbeul, 'Am Puilean', beagan rannan às air aithris le Coinneach Dòmhnallach

Deargadan dubha na dunaidh 's na dòrainn,
Gu dearbha cha tuginn mo chruth ga mo dheòin dhiubh -
'S mairg dhan a' chuid thig fo phlucadh na h-òrdaig
'S muirt bhith làmh sgròbadh na sgobaig na cùl.

Freiceadan falachaidh nam plaide 's nan cuibhrig
Ri breacadh nan amhach, nan asainn, 's nan uillnean,
Spealairean ladarna carach nan cruinnleum,
Camanachd bhuill fear cadail na rùit.

Sealgairean giobach a' griobadh 's a' grobadh,
A' bolgadh, a' bìdeadh, a' bioradh, 's a' brodadh,
Calpa ga chlipeadh 's cas dhioglach nam bonnan
Toirt clisgeadh air colainn 's gun norrag an sùil.

Nàdar a 'ghadaiche, faire gu foillbheart,
Là fo anail 's a' caithris na h-oidhche,
Cràdhlot mo thaisean le gathan is saighdean,
Tachais mo dhruim le spuirean mo dhùirn.

Bidh criomag à camais, is glamadh à sliasaid,
Dh'fhidir is dh'fhairich mi cràdh nam biastan;
'S tric iad ag amais air bad mu nach iarrainn
Aithris a dhèanamh, mun caillinn mo chliù.

Balgairean ciar-dhonn as sgiathalta spionnadh
Tha conablaich mo chliabh 's droch dhìol air mo mhuineal,
Ri borbadh mo bheul-sa gu griosaidh is mionnan
'S nach iarainn-sa fulang mo chiùrradh aig cù.

"Oidhche mhath leat," their caraide, Ruairidh,
Crùbadh na cheirsle 's a' phlaide mu chnuacan;
Truillich nan grad-leum, cha stad iad a bhruadar,
'S mis' ann an suain na h-eadar-dhà-lionn.

Nan tàrrainn ur cròdhadh 's ur stòdhadh am baraill
'S am fàbhar nam sheòl gus bhur treòireach gu Adolph,
Measg cràbais nam pùg agus bògais nam peallag
Dheagheadh a dhòrtadh mu chlaigeann 's a ghlasadh na rùm.

Bhiodh ana-ghalar oillteil, bhiodh teinn agus dòrainn,
Toirt searg agus claoidh air sgaoth shaighdeach an dòlais -
Gum fàiling mo chuimhne, bidh braighdeanas Phòland
Le dheargadan geòcach tighinn beò ri mo smuain.


Toiseach a' Chogaidh
Anns an Roinn Eorpa
An Cogadh aig Muir
Prìosanaich
Aig an Dachaigh
Saoghal ri Stri
Àite nam Boireannach
D-Day
An Nàmhaid
Deireadh A' Chogaidh


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy