Cumha Arnheim - le Calum Ruadh MacNeacail, air aithris le Dòmhnall Camshron
Sèist:
Cumaibh cuimhn' air bàs nam fiùran,
Dìon na dùthcha
seo aig Arnheim,
Cumaibh cuimhn' air bàs nam fiùran.
Cumaibh
cuimhn' air bàs nan gillean,
Bha iad measail aig an càirdean;
'S lìonmhor sùil a bha deurach
Mar a dh'èirich do na
h-armainn.
Cumaibh cuimhn' air bàs nam fiùran.
Cumaibh
cuimhn' air bàs nan gaisgeach,
Gillean sgairteil tapaidh làidir
Chaidh a-null gu tìr na h-Òlaind,
Is nach till rim beò
dhan àite.
Cumaibh cuimhn' air bàs nam fiùran.
B'
iadsan trùbaidhean nan speuran,
Foghainteach nach d'ghèill dhan
nàmhaid;
gaisgeil, gargail, calma, fearail,
Smear nam bailtean
iad 's nan àrd-bheann.
Cumaibh cuimhn' air bàs nam fiùran.
Chaidh
iad a-null air Didòmhnaich
Chun na h-Òlaind 's ceò a'
tàmh air,
Air an òrdugh o na neòil oirr'
Leoth' tha
ghlòir nach fhaodar àicheadh.
Cumaibh cuimhn' air bàs
nam fiùran.
Còig latha mar a chualas,
Sheas
iad gu cruaidh sa bhlàr ud.
Gus na theirg biadh is luaidhe,
Cha
robh nuairsin dhaibh ach fhàgail.
Cumaibh cuimhn' air bàs nam
fiùran.
Dh'innis Churchill don an t-saoghal,
Dìol
nan daoine ud is an tàire.
'S nach b'ann faoin a chuirte an gluasad
Agus dha na fhuair am bàs ann.

