Duanag nan Rations - Ciorstaidh NicAoidh, beagan rannan air aithris le Dòmhnall Camshron
O rò illinn
ò gur mis' a tha gun sunnd
O rò illinn ò gur mis' a tha
gun sunnd
O rò illinn ò gur mis' a tha gun sunnd
'S nach
eil an cùrs a ghabh iad
Leis na Rations a' tighinn rium.
Thug
mi chàrd dhan Mhuileach,
'S mi bha gus bhith air mo dhòigh
On bha mi nam "Chustomer"
O linn a'chiad Rìgh Deòrs,
Chan fhaiceadh e aon dìth orm
Cho fad 's bhiodh nì na Stòr,
Gheibhinn pailteas "tea" bhuaith'
Agus càise 's ìm
is feòil.
Choinnich mi mar chleachd mi e
An àit'a
dhol dhan bhùth,
Ged bha càch a'cantainn rium
Nach faighinn
dad co-dhiù,
Dh'iarr mi cairteal "tea" air
Cha b' e chleachd
mi fhìn ach punnd,
Sheall e orm le mì-chiatadh
Is shìn
e làmh dhan chùl.
Fhuair mi "thea"
na dh'iarr mi
Agus seo a bhriathran beòil.
"Nì e cola-deug
dhut
'S ged nach dèan, chan fhaigh thu 'n còrr."
Cha b'fhiach leam càise iarraidh air
Ged
gheibhinn e le deòin
Bha cùram orm nach fhaicinn e
'N àm
breith air às a dhòrn.
Ach b' ann bha sgeul na tubaist
Nuair a thàinig e Dimàirt,
'S gun bheag no mhòr a labhairt rium
B' ann shìn e dhomh mo "chàrd"
Thuirt e "Faigh fear eile
Bheir nas pailte dhut a làmh,
Chan fhaic thu mi gu sìorraidh
Gus an crìochnaichear am blàr."
Cha b’e sin àm furasta
Mo “coupons” chur air dòigh,
A h-uile fear gun tugainn iad
Ag ràdh “Cha ghabh mi’n còrr,
Tha mi air nas urrainn mi
A tharraing à Tìr-mòr
‘S chan eil “morsel” dhuts’ ann
O nach tug thu tràth do bhòt.
Ràinig mi Diciadain
Far an robh Seumas Sheonaidh Bhàin,
Coltas marsant’ fialaidh air
‘S ann bheirinn dha mo chàrd
Thuirt e “Chan eil sìon agam
A dh’òrdaich Dia nan Gràs
Ach lux is beagan siabainn
Anart sìolaidh, ‘s leth chlach ghràin.
Nan d’thug thu chàrd o thoiseach dhomh
Gu faighinn dhut gu leòr
A chumadh ann an coltas thu
A dh’aindeoin gainn’ a’Stòir,
Tha mi ‘n-diugh air Gèirinnis
A lìonadh leis gach seòrs,
‘S gu bheil rian nan Rations
Air mo chiall a chur an ceò.

