Air HMS California - Iain Moireach, Tolastadh, air aithris le Coinneach Dòmhnallach
Tha seo an
treas làmh agam air feuchainn dàn chur cruinn,
'S a riamh a-nuas
sa bheatha seo cha b'urrainn mi thoirt dhuibh;
Ach nuair a thàinig
cruadal a ruag mi feadh nan tuinn,
Gu'n dh'fheuch mi nan fhaireachdainn gun
dèanainn beagan rainn.
Diciadain fàgail Ghrianaig
gur cianail a bha sinn,
Oir air an t-slighe roimhe seo gun deach a radha rinn,
"Ma thilleas sibhse sàbhailte don àite seo na àm,
gu cinnteach gheibh sibh dhachaigh air son seachdain às a' chuing."
Na
caistealan a bh'againn air an turas sin ri falbh,
Thuit iad mu ar clagainn
gu bhith briseadh sìos nan dealbh;
Na nithean ris robh dùil
againn co-dhiù gun rinn iad falbh,
'S gun dh'èirich nithean
ùra rinn ris nach robh sùil gu dearbh.
Mus
robh sinn fad' air imeachd thàinig fios thugainn air bòrd,
Ag
innse dhuinn mar thachair don Chanton anns a' cheò,
'S gu feumadh
sinne lìonadh ann Grianaig leis gach stòr:
'S e dhol air ais
gu Iceland tha dhuinne nochd mar bhròn.
Co-dhiù
chan fheumte diùltadh - cha robh ann ach obair rìgh -
'S gun
tug sinn dhaibh ar n-ainmibh gu dearbh air glè bheag prìs:
Sibhse
nis tha'g èirigh as ar dèidh-ne biodh sibhs'
A' cumail às
an Nèibhidh, oir tha èigh oirre co-dhiù.
O
feuchaidh mi ri aithris mar a thachair dhuinn Diardaoin:
Mus robh sinn fad
air imeachd thàinig piseach air an t-sìd',
Le gaoth bho tuath
's i bagarrach le samhan uisge mìn,
'S chan fhaiceadh tu le dorchadas
am fear a bha rid thaobh.
Tha 'm bàt' an seo air ainm
thoirt oirr' 's gu dearbh cha deach iad ceàrr,
Oir buinidh i do Steòrnabhagh,
's gur mòr bha innt' ga ràdh
De dh'èigheach is de dh'òranan
le balaich òg 's gach àit',
'S chan fhaca tu an samhail ann
am ficheadan air sràid.
Nuair bhios mi ri 'g amharc
air an fhaire feadh na h-oidhch',
Gu saoil mi gun dean m'aigne mo thoirt air
ais do Leòdhas,
Far robh mi fèin cho toilichte aig an loch ri
taobh a' Bheinn:
'S na deilbh sin dhomh mar sgàile, nuair a bhios tu,
ghràidh, nad shrann.
Feuch mus tog sibh ceàrr
mi -gu bheil an t-àite-s' gam leòn;
'S urrainn maitheas fhaicinn
aig na balaich tha 'n-diugh òg;
Oir nuair a gheibh sinn buaidh air
an truaighe thug seo òirnn,
Chan fhaicear anns na linntean Nazi chuireas
sinn fo spòig.
Tha seachdain a-nis fhathast gus am
faigh sinn chun na tìr.
Soithichean chan fhaca sinn dol seachad ach
a h-aon.
Sinn fhèin nach robh gan iarraidh leis cho fiadhaich 's bha
'n t-sìd'.
Gu robh gu leòr do Hitler bhith faighinn seo mar
chìs.
Bidh mi nis ri crìochnachadh: cha chuirinn
sìos an dàn
Na thachair rinn 's na chunnaic sinn bho thàinig
sinn dhan àit'-s':
Fuachd cha dèan sinn dìochuimhn' air
le siab de chathadh làir,
Is smùid na mara còmhla ris
gar gonadh chun a' chnàimh.

