
Òran Hitler - le Donnachadh Fionnlasdan, beagan rannan às air a leughadh le Còinneach Domhnallach
Gur
e sinn tha air ar pianadh leis an fhiadh-bheathach gun fhàbhar
Tha
ri glaodhaich air an t-sliabh is e ag iarraidh le làmh-làidir
Gus a' saoghal mun iadh grian a bhith a' strìochdadh fo' spàgan
Is daoine bha an saorsa riamh ac', bhith nan ìochdarain 's nan tràillean.
A
bhalgaire tha cealgach lùbach, rinn thu air na h-Iùdhaich tàire,
Thug thu bhuap' an còir 's an ionntas 's chuir thu d'ùmaidhean nan
àite:
Iad gun bhiadh, gun dìon 's leth-rùisgte, nan cùis-bhùirt
air feadh nan sràidean,
'S nuair rinn thu iad a spùilleadh sgiùrs
thu iad gu cùl do ghàrraidh.
Nuair a chaidh
thu dhan an Òlaind ghabh thu orr' a' chòir a b'àbhaist dhut
-
Thug thu uatha an cuid lòin 's dh'fhàg thu iad gu brònach
cràiteach;
Gura h-ann a bha an dòrainn dol gu spòrs is
fealla-dhà dhut
Nuair a shuidh thu sìos gu dòigheil aig
an ròic nach d' rinn thu phàigheadh.
Cha chreid
mi gun d' fhuair thu rùpail ùghdarrais bhon Àrd-Fhear
Gus gach ceàrn 's na chuir thu ùidh a bhith ga bhruthadh fo do shàilean
-
'S ann a tha E ann an dìomb riut 's do chuid tùise na dhroch
fhàileadh
Bhon an là a chuir thu cùl ris dhèanamh
cùmhnantan ri Sàtan.
'S bochd an nì
gun ghineadh riamh thu no gun d' fhuair thu cìoch od mhàthair,
'S truagh, hi rì, nach d' bhuail a' ghrian thu, ga do chrìonadh
gu math thràth às
Mun do dh'fhàs annad an cìocras
thug na gnìomharan gu àirde
A rinn d' fhàgail nad chùis-deuchainn,
is mar leus air aghaidh nàdair.
Nuair
a chuireas tu d'chuid mhìltean le'n cuid innleachd òirnn thar sàile,
Sin an là a nì dhut innse mar chaidh thu clì nach
Chan eil gàrlach na do thìr-sa a bheir sìnteag
gu na tràghadh -
'S thèid do chabhlach chur na mìrean,
's cinnteach leam nach till dhith bàirdsee.
Nuair
a nì a' chuibhle tionndadh, bidh na cùisean a' dol ceàrr
ort,
Bidh thu thall aig ceann do chùrsa, 's bheir do bhùidsearan
am bàs dhut;
Thèid do chàradh gu neo-mhùirneach
air an dùnan smùideach ghràìneil
'S tàrraidh
iolairean do dhùthcha do chuid shùilean às an àite.

