
 "Mharbh
e gille Welsh; bha mi fhèin gu math eòlach air
" - Bha
Dòmhnall U. MacFhionghuin à Malacleit, Uibhist a Tuath, den
bheachd gu robh na geàird a bha air a bhith sa Chiad Chogadh na b' fheàrr
do na prìosanaich.
"Bha
feadhainn ann a bha fìor mhath dhuinn
" - Mhothaich
Ruaraidh Moireasdan à Siadar Bharabhais, Leòdhas, gu robh
cuid de na geàird Ghearmailteach na bu choibhneil na cuid eile.
"Loisg
e air, agus mharbh e e
" - Chunnaic Seonaidh Simpson
à Fan Mòr, Muile, dè dh'fhaodadh tachairt mur robh cùisean
mar a mhiannaicheadh na geàird.
"Chuir
e a chas a-steach gun fhios dha…agus thog an geàird an gunna…" -
Mhothaich Murchadh Moireach à Nis, Leòdhas, gu robh na geàird
a bha anns an Hitler Youth uabhasach cruaidh air prìosanaich.
"Dhiùlt
e dhol a dh'obair…thàinig iad leis a' mhachine gun…" - Chunnaic
Iain Dòmhnallach à Lacasaigh, Leòdhas, iomadh gaisgeach
anns na campaichean.
"Tha
rudeigin fada ceàrr an seo, thuirt mi…" - Bha Dòmhnall
R MacCoinnich à Airidh a' Bhruthaich, Leòdhas, a' geàird
prìosanaich Ghearmailteach. Aon oidhche thòisich ùpraid nam
measg.
"Chuir
iad gràin annainn, na daoine a bha gar trèanaigeadh
" - Bha
aig Tormod MacAonghais bhon a' Bhac, Leòdhas, air fiosrachadh fhaighinn
bho shaighdearan Gearmailteach.
"B'
e an inntinn aca bu mhiosa
" - Chunnaic Anna Mhoireasdan
à Nis, Leòdhas, daoine le an corragan air an toirt dhiubh gus am
fàinneachan fhaighinn, agus fiaclan air an tarraing nan turchradh òr
a bhith annta.
"Rinn
sinn march airson mìos…" - As dèidh do bhomaichean tuiteam
air a' champa anns an robh Raghnall Stiùbhairt à Loch na
Madadh, Uibhist a Tuath, thàinig air coiseachd gu saorsa. Bha e air an
rathad airson mìos agus b' iomadh sealladh uabhasach a chunnaic e air an
t-slighe.
"Cha
toir duine a bha ann maitheanas dhaibh a-chaoidh…" - Fhad 's
a bha an Col. Calum Moireasdan à Uig, Leòdhas, na phrìosanach
aig feachdan Iapain chaidh ionnsaigh uabhasach a thoirt air.
"Bha
feum againn laighe air an làr…" - Chunnaic Iain MacAmhlaigh
à Breascleit, Leòdhas, na trèanaichean a' toirt daoine chun
nan campaichean-bàis.
"Bha
sinn a' fàs ro eòlach air rudan mar sin
" - Bha
aig Ruaraidh Moireasdan à Siadar Bharabhais, Leòdhas, ri
leacan bho uaighean Iùdhaich a chleachdadh airson cabhsair a thogail. Cha
robh e air a shon ach b' fheudar dèanamh mar a bhathas ag iarraidh air.
"Bha
sinn a' faicinn seallaidhean a bha cur fìor thruas òirnn
" - Chunnaic
Iain Dòmhnallach à Lacasaigh, Leòdhas, seallaidhean
uabhasach, gu h-àraidh Iùdhaich air an droch leòn.
 |
|
|