BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DILUAIN
19 Faoilteach 2015
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Strì gu Sìth : 1939 - 1945

BBC Homepage
Alba

Cuspairean

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 
An darna cogadh
Toiseach a' Chogaidh
"Bha sinn a' coiseachd a h-uile latha - fad trì seachdainean…"
Às deidh do Mhurchadh MacCumhais à Sollas, Uibhist a Tuath, a bhith air a ghlacadh aig St Valery, thòisich e air an turas fhada gu ruige campaichean nam prìosanach-cogaidh anns a' Ghearmailt agus anns A' Phòlainn.
"Cha robh sinn beò ach air èiginn…"
Thug Aonghas Caimbeul à Nis, Leòdhas, ceithir bliadhna na phrìosanach-cogaidh. Rinn e a dhìcheall teicheach ach, gu mì-fhortanach, cha deach leis.
"Bha na brògan 's na casan a' fàs dona, 's cha robh sinn a' faighinn biadh ann…"
Pàiteach is acrach, bha Dòmhnall U MacFhionghuin à Malacleit, Uibhist a Tuath, cuideachd air a' choiseachd fhada gu braighdeanas anns A' Phòlainn.
"Bha sinn beò air snèapan…'s bha mi trì mìosan gun mo bhriogais thoirt dhìom…"
Anns na campaichean bha am biadh bochd agus an obair cruaidh, mar a fhuair Ruairidh Moireasdan à Siadar Bharabhais, Leòdhais, a-mach.
"Aig àm na Nollaig 's na Bliadhn' Ùir thug iad beagan a bharrachd biadh dhuinn…"
Cha b'ann tric a bha na geàird a' nochdadh coibhneas de sheòrsa sam bith do na prìosanaich, a reir na h-aithris aig Seonaidh Simpson à Fan Mòr, Muile.
"D'fheumadh tu bhith gu math faiceallach dè chanadh tu riutha…"
Chaidh Murchadh MacNeacail à Ratharsaidh, dha na Camshronaich le shaor thoil fhèin. Chaidh a leòn san Fhraing, agus a chur an grèim.
"Chuir iad anns a' champa ainmeil mi…far an do thachair na Great Escapes…rinn mi obair air an tunail…"
B' e paratrooper a bh'anns an Ollamh Murchadh Eoghainn Dòmhnallach à Drinisiadar, Na Hearadh. Bha e leòinte nuair a ghlacadh e.

Toiseach a' Chogaidh
Anns an Roinn Eorpa
An Cogadh aig Muir
Prìosanaich
Aig an Dachaigh
Saoghal ri Stri
Àite nam Boireannach
D-Day
An Nàmhaid
Deireadh A' Chogaidh


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy