"Cha robh dad ri fhaicinn ach gainmheach…"
- Bha Eoghainn MacDhòmhnaill à Homhstadh, Uibhist a Tuath, agus Iain MacIlleathain à Hogha Gearraidh, Uibhist a Tuath, an sàs anns a' bhlàr ann an Afraga, gu h-àiridh ann an El Alamein.
"Bha am batal uabhasach "
- 'S ann a bha Niall MacLiuthar à Àird Bhasair, an t-Eilean Sgitheanach, cuideachd an sàs ann an El Alamein. Chuir e fhèin seachad dà bhliadhna a' sabaid ann an Afraga.
"Leum sinn faisg air Tunis bha againn ri aerodrome a mhilleadh "
- Mar pharatrooper, bha an t-Ollamh Murchadh Eòghainn Dòmhnallach à Drinisiadar na Hearadh ann an iomadh suidheachadh cunnartach. Nuair a chaidh e gus aerodrome a mhilleadh bha na Gearmailtich a' feitheamh.
"Cha b'urrainn do dhuine gluasad tron latha…"
- 'S ann san Eadailt a bha Tormod Mac a' Ghobhainn à Nis, Leòdhas, ach chuir e fhèin agus a chompanaich seachad a mhòr chuid den tìde a' feitheamh airson dorchadas na h-oidhche.
"Thàinig na Gearmailtich suas cliathaich na beinne…"
- Fhuair Dòmhnall MacIosac à Cladach Circeabost, Uibhist a Tuath, trèanadh ann an Ameireagaidh agus a' Chuimrigh mus do dh'fhalbh e chun an Eadailt, far an robh an trèanadh gu feum mhòr.
"Chuala mi machine gun…"
- Bha Calum MacLeòid, à Nis, Leòdhas, a' feuchainn ri cadal ann am bothaig ann am Burma nuair a chaidh mullach na bothaig a thoirt dhith le machine gun.
"Tha mi cinnteach gu bheil na initials agam suas fhathast "
- Bha Uilleam Mac a' Ghobhainn, à Siadar Bharabhais, Leòdhas, a' dèanamh deiseil airson a dhol air tìr ann an Iapan nuair a thàinig deireadh a' chogaidh. Roimhe sin bha e air a bhith ann am Burma.
"Dh'òl i an t-uisge, agus bhàsaich i…"
- Bha Anna Mhoireasdan, à Nis, Leòdhas, a' dèanamh obair-iùil. Leis na chunnaic i fhad's a bha i thall san Àird an Ear, chaidh bliadhnaichean seachad mus robh i comasach air coimhead air dealbhan bhon àm.
"Bha na Japs air gach cliathaich, romhainn fad an t-siubhail "
- Bha Calum MacLeòid à Àird Àsaig, na Hearadh, a' sabaid an aghaidh Iapan tron Chogadh.

