"Cha robh càil a dh'fhios 'am dè bha romham…"
- Bha Cairistiona Nic Aoidh à Uig, Leòdhas, anns na WRENS agus aig aon àm bha i ag obair ann an ospadal air bòrd bàta.
"Bha signal aig na plèanaichean againn fhìn gus leigeil fios gur e caraidean a bh'annta "
- Bha Peigi Robasdan, à Steòrnabhagh, Leòdhas, ag obair le radar tron Bhlitz, a' lorg nam plèanaichean a bha a' leagail nam bomaichean.
"Reic mi na rudan a bh'agam gus biadh fhaighinn "
- A dh'aindeoin 's gu robh dithis ghillean beaga aice, cha robh aig Màiri Anna Cheanadach, à Liùrbost, Leòdhas, ach na thug i steach leatha do champa ann an Shanghai.
"Bha mi airson a dhol dhan Nèibhidh a' nursadh "
- Bha Flora Partridge à Barraigh airson a dhol dhan Nèibhidh nuair a thòisich an Cogadh air sgàth 's gu robh dithis bhràithrean aice a' sàs anns a' chogaidh, 's iad anns an Nèibhidh cuideachd. As dèidh greis ann an Scapa Flow, 's ann a lorg Flora i fhèin a-measg na bha a' tachairt air D-Day.
"Cha robh còir againn a bhith ann cho fada sin "
- Chuir Catriona Boyd à Leòdhas seachad an ìre mhath trì bliadhna ag obair ann am Freetown ann an Afraga. 'S ann a bha iad eòlach air an t-àite mar 'white man's grave'.

