BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DILUAIN
19 Faoilteach 2015
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Strì gu Sìth : 1939 - 1945

BBC Homepage
Alba

Cuspairean

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 
An darna cogadh
Toiseach a' Chogaidh
"B' ann a thàinig torpedo eile dhan mheadhan aice…"
Bha Aonghas MacIlliosa à Nis, Leòdhas, air a' Scotstoun nuair a chaidh ionnsaigh a thoirt oirre, 's bha cuimhne mhath aige air an t-soitheach, agus air na thachair.
"Dh' fheuch i dhà no trì shots òirnn…"
Bha Alasdair MacIomhair à Tolstadh bho Thuath, Leòdhas, air aon de na ciad daoine aig an robh comas radar obrachadh. Nuair a chaidh am bàta ainmeil Gearmailteach, am Bismark, a chur fodha, b' e Alasdair a bh'aig an radar air bòrd a' Sheffield.
"Nuair a thàinig an nàmhaid mu chuairt, bha sinn ga faicinn air a' horizon…"
Ann an 1940, bha Murchadh Moireach à Nis, Leòdhas, agus deugachadh eileanach eile, air bòrd a' Mhaimoa, anns a' Chuan Innseanach, nuair a thàinig raider Gearmailteach am Pinguin, as a dèidh.
"Chuala mi 'Action Stations'…"
Bha Seonaidh MacIlliosa à Nis, Leòdhas, e fhèin air bòrd a' Mhaimoa. Bha e a' nigheadaireachd, às deidh tighinn far faire, nuair a dhlùthaich an nàmhaid.
"Bha am bàta a' falbh fo an casan…"
Chunnaic Ruaraidh MacIllinnean à Cleit, Barraigh an Jervis Bay a' dol chun na grunnd, 's an uairsin b'fheudar dha teiche à bhàta fhèin, an tancair an San Demitrio.
"Cha robh mi fada nam chadal nuair a thàinig an explosion…"
Ann an 1942, bha Aonghas Moireach à Siabosd a Deas, Leòdhas, anns a' Chabhlach Mharsantach air bòrd a' Richmond Castle, a' dol tarsainn a' Chuain Shiair.
"Bha fios gum faodadh am bàta againne dol suas aig àm sam bith…"
Air soitheach anns a' Chabhlach Mharsantach, bha Attie MacEacharna às an Ros Mhuileach, na ghunnair far chladaichean ceann a tuath Afraga, agus air an t-slighe chunnartach eadar Breatainn agus an Ruis.
"Cha do dhiùlt duin' againn dol chun an Ruis…"
Nuair a dh'aontaich an Caiptean Iain Dòmhnallach à Loch nam Madadh, Uibhist a Tuath, seòladh dhan Ruis gun bhàta-dìon no freiceadan nan cois, 's beag a bha dh'fhios aige fhèin 's a chompanaich dè bh'air thoiseach orra.

Toiseach a' Chogaidh
Anns an Roinn Eorpa
An Cogadh aig Muir
Prìosanaich
Aig an Dachaigh
Saoghal ri Stri
Àite nam Boireannach
D-Day
An Nàmhaid
Deireadh A' Chogaidh


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy