
 "B'
ann an Gàidhlig a chuala mise gun do ràinig iad Normandy…" - Bha
an t-Ollamh Murchadh Eòghainn Dòmhnallach à Drinisiadar
na Hearadh, fhathast na phrìosanach nuair a chuala e gu robh an Cogadh
a' tighinn gu crìch.
"Stad
an cogadh dhuinn san Òlaind…" - Bha Aonghas Greumach
à Borgh, Leòdhas, anns an Òlaind nuair a sguir an cogadh
san Roinn Eòrpa. Bha trì mìosan ann mus d'fhuair e saor,
agus air an rathad chunnaic e iomadh sealladh truagh.
"Bha
mise san arm anns an Eadailt..." - Chrìochnaich
an cogadh aig Dòmhnall Moireasdan à Leòdhas, faisg
air Trieste, ach cha do dh'fhàg sin cùisean socair.
"Uill,
a' chiad ghuth a chuala sinn anns na h-eileanan..." -
Ann an Steòrnabhagh, chuala Seòras Stiùbhart à
Leòdhas, mu dheidhinn Latha VE air an rèidio. Bha pàrtaidh
mòr anns a' bhaile an oidhche sin.
"'S
e a' chuimhn' as fheàrr a th' agam mo mhàthair a' tighinn a-staigh..." - Chuala
màthair Màiri NicDhùghaill à Barraigh, an naidheachd
air an rèidio. Ged a bha daoine toilichte, bha an smuaintean cuideachd
air an fheadhainn nach tilleadh.
"Bha
mi letheach slighe suas àradh..."
- Bha Ailig J MacLeòid às na Hearadh air bàta
san Ear nuair a chuala e gu robh an cogadh anns an Roinn Eòrpa seachad.
Cha b' e sin e dhan chogadh anns an robh e fhèin an sàs.
"Bha
mise ann an Rangoon
" - Chunnaic Iain MacLeòid
à Leòdhas, an gàirdeachas a rinneadh ris an naidheachd mu
Latha VJ.
"Fhuair
mi fios gu robh mo bhràthair san ospadal…"
- An latha a sguir an cogadh bha Anna Mhoireasdan à Nis, Leòdhas,
air a slighe chun an ospadail a dh'fhaicinn a bràthar. Ged a bha a
h-uile duine eile toilichte, bha i fhèin a' smaoineachadh mu a càirdean
agus a caraidean a chaidh a mharbhadh agus a leòn.
"Bidh
cogaidhean gu bràth ann
" - Leis na chunnaic
e sa chogadh, fhuair Dòmhnall U MacFhionghuin à Malacleit,
Uibhist a Tuath, nàdar de bhriseadh-dùil nuair a thill e dhachaigh.
"B'
e latha dorch a bha sin do dh'eilean beag
" - Bha
An t-Urramach Tormod MacSuain às na Hearadh, ag obair anns
na h-Eileanan aig àm a' chogaidh. Chunnaic e a' bhuaidh a thug an cogadh
orra-san a bha sabaid ann.
 |
|
|