
 "Bha
sinn glè thaingeil air àite sam bith
"
- Bha Calum MacLeòid à Nis, Leòdhas, anns an Fhraing
tron àm ris an cante a' Phoney War.
"'S
e an Cider Platoon a bh'aca òirnn as deidh sin!" - Ged
a bha spòrs aca corra uair, bha cunnart ann daonnan, mar a fhuair Dòmhnall
Eardsaidh Dòmhnallach à Paibil, Uibhist a Tuath, a-mach nuair
a chaidh e tarsainn air a' Mhaginot Line, gàrradh-bacaidh mòr a
bha ruith eadar crìochan na Frainge agus a' Ghearmailt.
"Thug
mi dà chalman leam ann am basgaid
" - B' ann
airson ionnsachadh mu rèidio a chaidh Dòmhnall Alasdair Dòmhnallach
às an Rubha, Leòdhas, do Fheachd an Adhair, ach cha b' fhada gus
an robh e na fhear-iùil air bomairean.
"Bha
cunnart ann fad an t-siubhail…" - B' ann na fhear-iùil
air bomair a bha Calum Robasdan à Ceann Àrd, Uibhist a Tuath,
nuair a ghabh e pàirt anns a' chiad ionnsaigh air a' Ghearmailt a rinn
Feachd an Adhair ri solas an latha.
"Bha
cùisean sàmhach an toiseach
cha robh coltas ùpraid ann
" - Cha
do dh'fhuirich cùisean sàmhach do Dhòmhnall Iain MacCoinnich
às an Rubha, Leòdhas. Bha e air soitheach a bha toirt shaighdearan
à Dunkirk a Bhreatainn nuair a chaidh ionnsaigh mharbhtach a thoirt orra
le itealan.
"Bha
sinn eadar Dover agus Dunkirk trì tursan san latha
" - Bha
Aonghas Greumach à Borgh, Leòdhas, air tè dhe na bàtaichean
a shàbhail na mìltean de shaighdearan nuair a chaidh an cròdhadh
chun a' chladaich aig Dunkirk.
"Cha
robh biadh againn, no ammunition ach glè bheag
" - As
dèidh dha a bhith am measg nan saighdearan a chùm an nàmhaid
air ais airson na shàbhail aig Dunkirk a leigeil air falbh, chaidh Iain
Dòmhnallach à Lacasaigh, Leòdhas, e fhèin a ghlacadh.
"Thàinig
an tanc Gearmailteach mu chuairt
" - Bha Ruairidh
MacIlleathain à Grèinetobht agus Dòmhnall Ailean MacIlleathain
à Ceann a' Bhàigh, Uibhist a Tuath air an glacadh leis an nàmhaid
aig St Valery-en Caux.
"Thuirt
iad rinn gu robh sinn air ar cuairteachadh
" - Dh'
fheuch Murchadh MacCumhais à Solas, Uibhist a Tuath ri teiche bho
na Gearmailtich, gun càil aige ach combaist agus gunna.
 |
|
|