
©Franklin D. Roosevelt Presidential Library
Cha d’fhuair a h-uile saighdear air ais a Bhreatainn. Chaidh rèiseamaidean fhàgail anns an Fhraing an dèidh dhaibh dìon a thoirt dhan fheadhainn a bha teicheadh à Dunkirk. Bha Churchill cuideachd air gealltainn do rèiseamaidean na Fraing nach deigheadh am fàgail leotha fhèin agus chuir e an rèiseamaid Ghaidhealach an 51st Highland Division fo ùghdarras nam Frangach. Chaidh an glacadh an dèidh làithean a thoirt a’ dion St Valery-en-Caux. is iad a’ feitheamh ri teasairginn nach tàinig.

