
©Franklin D. Roosevelt Presidential Library
Bha Hitler airson dèanamh air an taobh siar ach chuir geamhradh cruaidh, reòite bacadh air. Rinn saighdearan Bhreatainn air taobh siar na Frainge, ach, rud ris nach robh dùil, b’e raointean ciùin, sàmhach a bha feitheamh orra an sin. Bha na Gearmailtich gun an taobh siar a ruighinn agus chionn ‘s nach robh mòran a’ dol a seo eadar Foghar 1939 is Earrach 1940, b’ e Phoney War an t-ainm a thugadh air an àm sin.

©Franklin D. Roosevelt Presidential Library
Thug an tàmh agus a’ mhì-chinnt buaidh air spiorad saighdearan a’ Chaidreachais. Agus cha b’ e togail a fhuair iad aig toiseach an Earraich nuair a thàinig an naidheachd gu robh feachdan Hitler air briseadh a-steach air an Danmhairg agus air Nirribhidh. Air an aon latha agus a ràinig na Gearmailtich An Òlaind agus a’ Bheilg, leig Neville Chamberlain dheth a dhreuchd, agus ghabh Winston Churchill dreuchd Prìomhaire Bhreatainn na àite.

