B’ e adhbhar uabhais a bh’ann cho luath 's cho siùbhlach 's a fhuair na Gearmailtich làmh-an-uachdair ann an 1940. A dh’aindeoin an dìchill cha b’fhada gus am b’ fheudar do shaighdearan a’ Chaidreachais teiche gu ruige cladaichean Caolas Shasainn.
Chaidh armachd agus uidheam fhàgail anns a’ chabhaig agus aig deireadh a’ Chèitein, bha na ceudan mhìltean shaighdearan air tràigh Dunkirk a’ feitheamh ri aiseag gus sàbhailteachd fhaighinn ann am Breatainn. Thàinig ceudan de bhàtaichean de gach seòrsa gan iarraidh agus eadar 26 Cèitean agus 3 Ògmhios, chaidh 338,226 saighdearan Breatannach agus Frangach a shàbhaladh à Dunkirk, agus 220,000 eile à Cherbourg, Saint-Malo, Brest agus St-Nazaire.

© Science & Society Picture Library

