A bharrachd air a bhith a' toirt taic do na fireannaich anns na feachdan, bha gu leòr ri dhèanamh aig an taigh, 's na fir air falbh anns a' chogadh. Bha boireannaich a' dol a-mach a dh'obair, gu leòr aca airson a' chiad uair a-riamh. Bha mòran ag obair, mar eisimpleir, ann am factaraidhean a' dèanamh acfhainn cogaidh. Bha gu leòr cuideachd ri obair fearainn còmhla ris an Scottish Land Army.
Cha mhòr gu robh càil a bha an urra ri fireannaich ron chogadh nach robh a-nis an urra ri boireannaich a dh'aindeoin 's dè cho trom 's a dh'fhaodadh an obair a bhith. Gu dearbha, an tè nach robh làidir, tapaidh aig toiseach gnothaich, ro dheireadh a' chogaidh, 's i a bha!

©IWM: ref.CH11926

