
B' e obair chudromach dha-rìribh a bh' ann am banaltramachd tron chogadh. Bha boireannaich a' siubhal faisg air raointean a' chath gus cuideachadh a thoirt le leòintich agus easlaintich. Chunnaic iad iomadh sealladh uabhasach, agus ged a thill a' mhòr-chuid aca dhachaigh, gu leòr gu pòsadh is teaghlach a thogail, dh' fhàg Cogadh 1939-45 dìleab chudthromach aig boireannaich.
Dh'atharraich e beachdan an t-sluaigh a thaobh dè bh' ann an "obair bhoireannach" an taca ri "obair fhireannach", agus dhearbh e gu robh boireannaich comasach air mòran dhreuchdan a dhèanamh a bharrachd air a bhith cumail taighe.

