Dh'fhosgail
an cogadh saoghal ùr do bhoireannaich òga gu h-àraidh. A dh' aindeoin gach cruadail
a dh' adhbhraich an cogadh, airson tòrr de bhoireannaich òga, thàinig cothroman
na chois - cothrom a bhith neo-eisimeileach, cothrom tomhas dhen t-saoghal fhaicinn
agus sgilean ùra ionnsachadh.
Thug e misneachd dhaibh a bhith ri obraichean
a bha cho cudthromach airson math na dùthcha, agus bha seasamh aca nach robh air
a bhith aca ron seo. Ach maille ris an t-seasamh agus an t-saorsa ùr a bha seo,
thàinig iomadach cunnart.
Dealbh ©William Chalmers

