Bha
iomadach seòrsa dreuchd aig boireannaich, an dà chuid aig an taigh agus nas
fhaisg air a' chath. Chaidh feachdan ùra a chruthachadh, mar eisimpleir, an
Women's Auxiliary Air Force (an WAAF) agus chaidh dà bhuidheann a chaidh a stèidheachadh
an toiseach aig àm a' Chiad Chogaidh, a stèidheachadh às ùr airson an Dàrna
Cogaidh. B' iad sin an Auxiliary Territorial Service (an ATS), agus a' Women's
Royal Naval Service (na WRENS).

