
©William Chalmers
Bha Breatainn an eisimeil nan Ameireaganach airson biadh, bathar eile agus armachd fad bliadhnaichean a’ chogaidh agus b’ann tarsainn a’ Chuain Shiair a bha mòran dheth tighinn, air a ghiùlain air bàtaichean a’ Chabhlaich Mharsantaich.
Tuilleadh fiosrachaidh mun Chogadh sa Chuan Siar
‘S e cuan fosgailte, fiadhaich a th’anns a’ Chuan Siar, an dàrna cuan as farsainge san t-saoghal. Ach doirbh ‘s gu faodadh an aimsir a bhith, b’e bàtaichean-aigeil nan Gearmailteach, na U-boats, an cunnart bu mhotha a bh’ann. Bho shamhradh 1940 bha an cunnart bhuapa a’ dol am meud oir bha smachd aig na Gearmailtich air bailtean-puirt na Frainge agus Nirribhidh, a’ ciallachadh gu faodadh na U-boats a dhol astar na b’fhaide. Aig aon àm bha e na amas aig na Gearmailtich mu cheud gu leth soitheach a chur fodha gach mìos.
Bha gach soitheach a bha feuchainn ri bathar no daoine a thoirt tarsainn a’ siubhal an cuideachd bhàtaichean eile – convoys a chante riutha – le luing-dhìon còmhla riutha a’ feuchainn rin gleidheadh on nàmhaid nach fhaiceadh iad. Cha robh càil cho eagalach no cho marbhtach ri brag an torpedo a thigeadh gun fhiosda, agus cha robh mòran dòchais aig soitheach a dheigheadh a bhualadh.
Aig àirde, bha cùisean cho dona 's gu robh na Gearmailtich a' lorg an ìre-mhath a h-uile convoy a bha a' gabhail tarsainn ceann a tuath a' Chuain Shiair. Fiù 's eadar an Ògmhios 1940 agus deireadh na bliadhna sin, chuir U-boats, le taic bho phlèanaichean is mhèinichean is bhàtaichean eile, 3 million tunna de shoithichean fodha. Bha aig na maraichean ri tighinn beò le fios gu faodadh buille an nàmhaid tighinn orra, gun rabhadh, aig àm sam bith.

