Chuir call a' Bhismarck ann an 1941 stad air ionnsaighean na Gearmailt anns a' Chuan Siar le soithichean cogaidh mòra den t-seòrsa sin.

©William Chalmers
Air 22 Ògmhios 1941 thòisich Hitler iomairt ùr, Operation Barbarossa, is e ag amas air raointean farsaing den USSR a chur fo ùghdarras an Third Reich. Chuireadh e às do na Bolsheviks aig an aon àm. Ro dheireadh an Lùnastail bha na Gearmailtich air Leningrad a ruighinn agus an ìre mhath air am baile a chuairteachadh. Ach cha robh Stalin idir deònach gèilleadh. Bha dà mhillean gu leth duine glaiste sa bhaile air a’ gheamhradh 1941-42. Cha robh biadh agus connadh ach gann, cha robh uisge na solas na teas ann is bha an t-sìde anabarrach nimheil fhad ’s a bha na Gearmailtich a’ frasadh bhomaichean orra gun abhsadh. Mun tàinig earrach bha leth-millean marbh agus mur biodh an t-sèist, a mhair 900 latha, seachad bhiodh trian de mhuinntir a’ bhaile air am beatha a chall.
Sheol a’ chiad bhàtaichean a’ giùlain itealain-cogaidh is bathar a chuidicheadh an Ruis à Scapa Flow air 21 Lunastal 1941. Dh’fhàg an ath fheadhainn à Innis Tìle san t-Sultain agus b’e seo Convoy PQ1. Bhiodh na litrichean PQ air a h-uile convoy dhan Ruis o seo a-mach.
Brùth air cuspair gus èisteachd ri cuimhneachan
Tuilleadh fiosrachaidh mun chobhair don Ruis
Bha an t-slighe-mhara dhan Ruis air leth doirbh. Bha aig na maraichean rin aghaidh a chur air fìor dhroch shìde agus fuachd anabarrach. Ged a bha na h-oidhcheannan fada geamhraidh a’ cur tomhas de dhìon orra, bha an deigh a’ ciallachadh nach b’urrainn dhaibh fuireach fada mach aig muir, agus mar a b’ fhaisge thigeadh iad air costa Nirribhidh b’ ann a b’fhaisg a bha iad a’ tighinn air an nàmhaid. Nam b’urrainn dhaibh idir, sheachnadh iad costa Nirribhidh is iad a’ dèanamh air puirt leithid Murmansk, Archangel agus Molotovsk.
Aig toiseach gnothaich cha tug na Gearmailtich cus aire dhaibh agus suas gu meadhan na Màirt 1942 cha do chailleadh ach dà bhàta. Ach mar a dh’fhàs e soilleir don Ghearmailt nach robh buaidh air an Ruis gu bhith air a chosnadh gu luath, mheudaich iad am feachdan an ceann a tuath Nirribhidh.
Air 20 Màrt 1942
chaill PQ13 còig soithichean. Air 27 Cèitean 1942
chaill PQ16 seachd bàtaichean mar thoradh air ionnsaigh a thug 108 plèanaichean
orra.
Dh’fhàg PQ17 Innis Tìle air 27 Ògmhios 1942
le 37 bàta ach cha do ràinig ach 11 dhiubh an ceann-uidhe.

