'S
e Hitler am Buaradair -
Niall Peutan à Port Rìgh,
air a sheinn leis fhèin
'S e Hitler am buaireadair le thruaighe
dhùisg a' chòmhstrì,
Dh'fhàg a' saoghal duatharach 's a sluagh a th' air a' còmhnaidh.
Ma nì freasdal buaidh thoirt
dha, gur truagh na dh'fhàgar beò dhinn,
Bidh Ifrinn fhèin
gar cuartachadh gun dèan an uaigh ar còmhdach.
Thòisich
e gun tìm thoirt dhaibh, le innleachdan 's le sheòltachd,
Air
sluagh bha duineil dìcheallach, mar chì sinn ann am Pòland.
Sgathadh
sìos na mìltean dhiubh ged sheas iad dìleas còmhla,
'S
an lagh gun d' rinn e dìmeas air, gun sgrios e 'n tìr le fòirneart.
Ach cha d'rinn siud a shàsachadh, tha h-uile h-àit'
a dhìth air,
Gach rìoghachd bhith o shàil aige, 's e chùrs
a dh'fhàs na inntinn.
Tha iarrtas an t-Sàtain ann, 's e sgrios
gun tàmh tha dhìth air,
Na neo-chiontaich a shàrachadh
's an cur gu bàs le mhì-rùn.
'S gur
mòr an t-adhbhar uabhais dhuinn ma gheibh e buaidh san t-strì seo,
Cha
bhi bàidh no truas ann dhuinn, tha fuath aige dor rìoghachd.
Ma
gheibh e làmh an uachdair òirnn, 's ann cianail truagh dheth bhios
sinn,
Gun tig am bàs thoirt fuasgladh dhuinn - an duais bhios againn
cinnteach.
'S tha Norway toirt dùbhlan dhà
's a' seasamh grunnd gu làidir,
Nuair shaoil leis gu robh 'n crùn
aige gun deach an cùrs' ud ceàrr air.
'S beag a bha do dhùil
aige nach biodh gach cùis mar b'àill leis,
Gu lùbadh iad
an glùinean a' toirt ùmhlachd mar rinn càch dha.
Tha
roinn dhe bheath' an dìomhaireachd, chan eil fhios dè freumh bhon
dh'fhàs e
Cha chualas fear a ghnìomhairean; cha d' rugadh riamh le màthair,
Tha cumhachdan gun chrìoch aige 's tha mìorbhailean
na fhàbhar
Tha soirbheachadh on Diabhal a' cur dìon air bho
gach nàmhaid.
Ach feumaidh sinn bhith cruadalach
's a' bhuaidh a chur gun dàil air
A cheannsachadh gun truas bhith ris
mar 's luaithe 's ann as fheàrr e.
Ma sgrios e tuilleadh thruaghanan
nach d'adhbhraich fuath no gràin dha,
Ach cuilbheartan a' bhuaireadair
tha riaghladh sluagh an Nàsaidh.
'S tha fhios gu faighear
innleachd air a chur fo chìs 's a chàirdean
'S Ameireaga ag innse
dhuinn g'eil airgead-cinn an-dràst' air,
Nuair gheibh sinn dhan a' phrìosan
e, bidh pheanas cinnteach làidir,
Bidh an uabharrach ud air ìsleachadh
's bidh sìth sa h-uile ceàrnaidh.

