Caoidh nam Fear Treun - Peigi NicChoinnich,
air a sheinn leatha fhèin
Tha
Leòdhas 's na Hearadh, tha Ìle agus Muile
Tiriodh agus Uibhist-a-Deas
agus Tuath;
'S tha Eilean a' Cheò agus bailtean na mòr-thìr
Ri
caoidh nam fear òga rinn seòladh thar chuan.
Gach
sgìr' anns gach eilean 's gach bail' tha air leth ann
Tha caoidh agus
tuireadh, tha mulad is bròn;
Ri caoidh na fir thapaidh a thuit anns a' bhatal
'S iad fada bhon dachaigh air talamh
na Roinn Eòrp'.
Tha tonnan na mara ri 'g èirigh
le cabhaig
A' bualadh 's a' sgaladh mu charraigean bàn;
A' bualadh
gun anail a dh'oidhche 's a latha
Ri caoidh na fir chalm' thug an fhairge gu
làr.
Gach allt agus sruthan ag èirigh 's a'
tuireadh
Gabhail an turas ri siubhal don chuan;
Ag osnaich ri chèile
thar mhonaidhean 's slèibhtean
A' caoidh na fir threuna a rinn leum
air am bruaich.
Tha sinn aig a' bhaile ri 'g ionndrainn nam
balach
Dh'fhalbh iad le cabhaig bho dheas is bho thuath.
'S tha clachan
nan staran is leacan na starsaich
Ri 'g ionndrainn nan casan a dhèanadh
orr' fuaim.
Gach flùran sa mhachair thig fàs
orr' as t-earrach
Ged a tha iad nan cadal an achlais nam bruaich.
Thig samhradh
's thig earrach, cha till iad siud dhachaigh
Na h-òigearan tapaidh sa
bhatal thug suas.

