Eilean Beag a' Chuain
le Dòmhnall Iain MacDhòmhnaill,
air a sheinn le Aonghas Dòmhnallach
'S ann mu thuath, fada tuath,
Ri uchd-bualaidh muir-tràigh,
Tha eilean beag gorm a tuath,
Tìr mo luaidh thar gach ceàirn.
Bidh mi cuimhneachadh le deòir,
Air an t-sòlas a bha
Nuair bha gillean aotrom òg
'N Uibhist eòrnach nan tràigh.
Bhiomaid cruinn an taigh Iain Ruaidh
Gabhail dhuanag agus dhàn;
Greis air feadan, greis air phìob,
'S gabhte tì uair no dhà.
Bhit' a' cosnadh airgead pòc',
Gearradh mhònadh 's gach àit',
'Son a bhith againn anns a' champ
'S airson dram aig a' bhàr.
Chaidh na làithean sin air chùl
'S thàinig tionndadh nach b' fheàrr,
'S b' fheudar seòladh thar a' chuain
Gu uchd-bualaidh a' bhlàir.
Aig St. Valery bu chruaidh
Buill' is nuallan a' bhlàir,
'S dh'fhàg sinn grunn de ghillean còir
Marbh gun deò air an tràigh.
Tha mise seo gu h-ànrach fuar
Anns a' chuaraidh fo gheàrd,
M' fhuil air tanachadh le dìth
'S cion a' bhidh air mo chnàmh.
Ach nuair a thilleas orinn an t-sìth,
Ma bhios sinn idir beò,
Chi mi fhathast luchd mo ghaoil
'N Uibhist bhraonach an eòrn'.
'S ann mu thuath, fada tuath,
Ri uchd-bualaidh muir-tràigh,
Tha eilean beag gorm a tuath,
Tìr mo luaidh thar gach ceàirn.

