Òran a' Home Guard -
Dòmhnall Ruadh Chorùna, air a sheinn le Uisdean MacMhathain
Hò ro 'illean, hao o 'illean, hò ro 'illean guma
slàn sibh
Gillean Uibhist chaomh mu thuath a thug a' bhuaidh air sluagh gun àireamh.
Ghabh sinn a-mach Àird nan Srùpan, cha robh dùrd
co-dhiù ri ràdha
Tarsainn fhadhlaichean gur glùinean, thog sinn cùrsa null gu sàbhailt.
Nuair a ràinig sinn an caolas, fhuair gach aon againn
dhan bhàta
Bha na maraichean cho aontach, 's air ar taobh-ne bha gach fàbhar.
Mar an gadaiche san oidhche, no mar shoillearadh don bhàs
e
Shiubhail iadsan sìud san lòinnidh, taobh nach fhaighnichte le
càch iad.
Dh'òl sinn deoch à tobar cùbhraidh, bh'
aig an fhiùran Prionnsa Teàrlach
Bha gach fear is gean na shùilean 's air a ghnùis-san fiamh a'
ghàire.
Shìn iad ceum gu rèidh le sòlas, seachad
Leaba Flòraidh mhairds iad
Chuimhnich iad dhomh làithean sònraicht', shaoil leam gur ann
òg a bha mi.
Bha ar ceannard a' cur rian òirnn, an t-òigear
ciallach ud am bàillidh
Thug e bòidean òirnn gun strìochdadh, 's e mar fhiadh air
fiaradh àrd bheann.
'S nuair a nochd rinn Cnoc na Fèille, chaidh gach fear
air ghleus gu blàr thoirt
'S cha robh an taobh thall do Hèidh na chumadh ar fir fhèin on
bhàrr sin.
Bha luchd-fàir' aca gu lìonmhor, caithris Iochdamais
's na tràghad
'S ar cuid ghillean air am blian, ag amharc sìos air Sliabh na h-Àirde.
Nuair thòisich am blàr 's an riasladh, anns a'
mhadainn ghrianach Shàbaid
Chìte gaisgich 's cuid dhiubh liath a' gearradh sìos ri crìoch
na nàmhaid.
'S fheudar dhomh nis sgur den duan seo, 's e mo bhuannachd fuireach
sàmhach
Mus cluinn iadsan mi san Uachdar, 's iad cho truagh ann leis an tàmailt.
Hò ro 'illean, hao o 'illean, hò ro 'illean guma
slàn sibh
Gillean Uibhist chaomh mu thuath a thug a' bhuaidh air sluagh gun àireamh.

