El Alamein - Calum 'Cuddy' MacLeòid,
air a sheinn le Murdigan Dòmhnallach
'S e nochd oidhche bhatail mhòir
'S tha gach aon againn air dòigh,
Le "rifle" 's biodag thruis nar dòrn,
Air bruachan ciùin El-Alamein.
'S beag mo chàil bhith 'n seo an-dràst;
'S mòr gum b' àill leam a bhith tàmh,
An Eilean Leòdhais le mo ghràdh,
Fo sgàil Fir Bhrèige Chalanais.
Siud am "Fifty-first" an sàs,
Seòid na b' fheàrr cha deach gu blàr,
Na Sìophorts, 's Camshronaich 's Argylls
Cur smùid ast' len cuid bhiodagan.
Tha nise seachdain agus còrr
Bho chuir mi na rainn-s' air dòigh,
'S tha Rommel le chuid Afric Corp
Air a ruaig air falbh bho Alamein.
Chan eil an seo ach dùthaich thruagh,
Chan eil deoch innte no biadh;
"Bully Beef" is brioscaid chruaidh,
'S e siud am biadh tha againne.
'S ged tha teas na fàsaich mòr
ga mo pianadh 's ga mo leòn
Na faighinn an dràsta làn mo bheòil
De uisge fuar cha ghearaininn.
'S nam biodh agam a seo an dràst'
Cothrom air an Tobar Bhàn
Chan fhàgainn i gum biodh i tràight'
Ged bhiodh innt na gallanan.
Cha robh bhuaidh bha siud gun phrìs
Phàigh sinn oirr' le fuil ar crìdh,
Tha sinn fàgail mìltean sìnnt'
Ann an uaigh an ùir El-Alamein.

