Nuair a ràinig feachdan a' Chaidreachais campaichean an Àird an Ear, thuig iad le cinnt gnè na nàmhaid. B'ann le uabhas a chunnaic iad staid nam prìosanach, an fheadhainn a bha fhathast beò.
Bha arm Iapain den bheachd nach robh càil cho maslach na bhith ann am braighdeanas aig do nàmhaid. Bha seo a' ciallachadh nach robh aca ach droch bheachd air an fheadhainn a bha nam prìosanaich aca fhèin. Bha iad ga faicinn nan cùis-nàire, nach robh airidh ach air magadh agus droch-làimhseachadh.

©Northwestern University Library

