BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DILUAIN
19 Faoilteach 2015
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Strì gu Sìth : 1939 - 1945

BBC Homepage
Alba

Cuspairean

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 
An darna cogadh
An NàmhaidNa h-Iùdhaich

Thairis air a' bhliadhna mu dheireadh dhen Chogadh, bha na Ruiseanaich a' tighinn tarsainn air campaichean oillteil air an t-slighe tron Phòlainn agus an taobh sear. Agus bha an aon seòrsa a' feitheamh air feachdan a' Chaidreachais nuair a fhuair iad a-steach gu taobh siar agus ceann a deas na Gearmailt.

B'e Bergen-Belsen fear de na campaichean sin. Bhàsaich còrr air 50,000 neach ann am Bergen-Belsen, 's bha còrr air 10,000 eile cho truagh 's nach do mhair iad fada an dèidh a saoradh.

Uile gu lèir, chaidh 6 millean Iùdhach a mhurt le na Nàsaich.

Air ais

Dealbh ©IWM: ref.HU858

Èist ri na h-Eòlaichean
"Bha feum againn laighe air an làr…"
Chunnaic Iain MacAmhlaigh na trèanaichean a' toirt daoine chun nan campaichean-bàis.
"Bha sinn a' fàs ro eòlach air rudan mar sin..."
Bha aig Ruaraidh Moireasdan ri leacan bho uaighean Iùdhaich a chleachdadh airson cabhsair a thogail. Cha robh e air a shon ach b' fheudar dèanamh mar a bhathas ag iarraidh air.
"Bha sinn a' faicinn seallaidhean a bha cur fìor thruas òirnn..."
Chunnaic Iain Dòmhnallach seallaidhean uabhasach, gu h-àraidh Iùdhaich air an droch leòn.


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy