
©William
Chalmers
Bha a’ choiseachd fhada a rinn mòran phrìosanach tro raointean fàs agus bailtean briste na Roinn Eòrpa na dheuchainn agus na adhbhar dòrainn. Dh’fhuiling iad acras is pathadh, fuachd, sgìths agus aig amannan brùidealachd. Daonnan bha eagal orra ro na dh’fhaodadh a bhith romhpa.
B’ e briseadh cridhe a bh’ann dhaibh faicinn an sgrios a bha an cogadh a’ dèanamh air an dùthaich agus anns na bailtean. Dh’fheuch gu leòr dhiubh ri teiche air an t-slighe ach dh’fhaodadh an oidhirp do bheatha a chosg dhut.

