Bha
an cogadh seachad anns an Roinn Eòrp' ach bha an t-strì an aghaidh Iapan fhathast
a' dol. B' e an dà bhoma atamach a ghreas cùisean an sin; na bomaicheam atamach
a leagadh air Hiroshima air an 6 Lùnastal agus air Nagasaki air 9 Lùnastal 1945.
Cha robh dhìth ach dà itealan airson an giùlain ach mharbh a' chiad bhom 100,000
neach ann an tiotan; mharbh an dàrna bom 40,000 neach.
Beagan làithean as dèidh seo, le eagal tuilleadh bhomaichean dhen aon seòrsa, ghèill Iapan do dh' Fheachdan a' Chaidreachais. Canar VJ Day (Buaidh an aghaidh Iapan) ri dà latha - 15 Lùnastal 1945 a chionn 's gur ann air an latha sin a chomharraich Feachdan a' Chaidreachais a' bhuaidh an aghaidh Iapan, agus 2 Sultain oir b' ann air an latha sin ann an 1945 a chuir Seanalair Koiso ainm ri pàipearan a' ghèillidh. B' e seo deireadh Cogadh 1939-45.
Air
ais
Dealbh ©IWM: ref.MH2629

