
©William Chalmers
Maille ris an toileachas agus an taingealachd gu robh an cogadh seachad, bha caoidh agus bròn. Bha na feachdan a' tighinn dhachaigh, ach bha na mìltean de dhaoine nach tilleadh gu bràth.
Dhaibhsan a thill, bha bliadhnaichean fada na strì seachad. Bha am bodhaigean agus an inntinnean air an sàrachadh. Bu daor a cheannaich iad an t-sìth agus bu bheag an taing a shaoil cuid aca a fhuair iad air a shon.
Chan eil air fhàgail an-diugh ach àireamh bheag dhen fheadhainn a bha anns an Dàrna Cogadh, agus tha e furasta dìochuimhneacheadh cho mòr 's a tha sinne nan comain. Mura biodh iad, chan eil rian nach biodh ar beatha làitheil gu tùr eadar-dhealaichte an-diugh. Cha bu chòir an t-strì no prìs na saorsa a dhìochuimhneachadh.

