Bha feachdan a' Chaidreachais air a bhith deasachadh airson còrr air bliadhna airson a dhol air tìr anns an Fhraing. Bha rannsachadh dèante a thaobh nan cladach bu fhreagarraich, an tìde-mhara a b' fhàbharaich, an àm a b'fheàrr.

©Franklin D. Roosevelt Presidential Library
Cha deach ullachadh cho mionaideach a dhèanamh a-riamh roimhe le faisg air trì millean neach à feachdan eadar-dhealaichte air cruinneachadh ann an ceann a deas Shasainn, a' trèanadh, a' deasachadh agus a' feitheamh ri òrdugh a dhol tarsainn Caolas na Frainge. Bha an deisealachadh seo air a chumail cho dìomhair 's gu robh plana eile, Operation Fortitude, aig feachdan a' Chaidreachais a dh'aona ghnothaich airson na Gearmailtich a mhealladh.

